Stories
’S e Johnny Ingledew agus Ceit Dhòmhnallach, a rugadh agus a thogadh ann an Uibhist a Tuath, a tha os cionn an North Uist Distillery agus tha iad a’ coimhead ris an Eilean airson ‘blas’ Uibhist a chur ann am botul. Mar a chanas iad fhèin, ISLAND LIFE. DISTILLED.
“Bha sinn a’ fuireach ann an Obar Dheathain agus bha fhios againn a-riamh gun robh sinn airson tilleadh a dh’fhuireach agus a dh’obair ann an Uibhist. Bha sinn airson companaidh a bhith againn dhuinn fhèin a bha inntinneach agus a chòrdadh rinn. Smaoinich sinn gum fosgladh sinn taigh-staile air an eilean agus mar sin thug sinn sùil mun cuairt air tir-mòr air feadhainn eile a bha a’ dèanamh deoch làidir” dh’innis Ceit.
Fhad ’s a bha Johnny is Ceit a’ fuireach air tir-mòr agus ag ionnsachadh mar a dhèanadh iad uisge-beatha agus sineabhar, thug iad fa-near gun robh a h-uile sian a dh’fheumadh iad air an starsach ann an Uibhist. “Bha daoine a’ bruidhinn air a bhith a’ dèanamh uisge-beatha le mòine, is eòrna is uisge. Tha a h-uile sian dhe sin an seo, ach chan eil uisge-beatha againn ann an Uibhist.” Chaidh Johnny air ais dhan oilthigh a dhèanamh ceum air staileadh agus thòisich na plànaichean aca air tighinn ri chèile bhon uairsin. Thill Johnny is Ceit dhachaigh a dh’Uibhist ann an 2017 agus goirid an dèidh sinn, thàinig smuain an North Uist Distillery beò.
An dràsda, gheibhear blas Uibhist ann an trì sineabhair sònraichte a chuireas ann an sùnnd duine sam bith a tha measail air ‘refreshment’! Tha Downpour Gin air a dhèanamh le fraoch, agus cuideachd le dearcan is feàirneagan no le Grapefruit agus faodaidh daoine an stamp fhèin a chuir air na botuill a tha air an creic. “Tha sinn a ruith sgeama malartaich far am faod daoine fraoch a bhuain agus a thoirt thugainn. Gheibh iad botul sineabhar air ais agus tha sinn a toirt ainm an àite às an tàinig am fraoch sin air gach baidse. Aig aon àm, nì sinn suas ri 1700 botull ann am baidse agus an dràsda ’s ann à Griminis a thàinig am fraoch a chleachd sinn. Tha fraoch à iomadh àite air a bhith againn gu ruige seo eadar Loch Baghasdail agus Loch nam Madadh agus tha e na thlachd dhuinn gu bheil muinntir an àite gar cuideachadh leis an seo.” Tha an aon rud a tachairt leis na dearcan a thathar a cleachdadh anns an Sloe agus am Bramble Gin. “Tha sinn dìreach air ar botuill a lìonadh le dearcan à Langais, agus mar sin ’s e Langass a th’air a bhaidse seo. Tha e a’ còrdadh rinn sealltainn gu bheil sinn a’ cleachdadh measan às an àite fhèin nuair a tha daoine a’ ceannach bhuainn.”
Tha taobh an iar Tìr an Eòrna, aig amannan den bhliadhna, a’ dannsa le sguaban arbhar agus tha an North Uist Distillery an dòchas feum a dheanamh às anns an uisge-bheatha a tha iad am beachd a dhèanamh. “Tha dùil againn eòrna a bhuineas dhan àite a chleachdadh agus tha sinn am beachd tòiseachadh air anns an ath bhliadhna. Tha sinn an dòchas airgead a thogail airson stail an uisge-bheatha aig deireadh na bliadhna agus bidh crowdfunder againn air loidhne.”
An diugh, tha Ceit is Johnny a’ dèanamh deiseil airson an gnìomhachas aca a ghluasad gu Baile nan Cailleach ann am Beinn na Faoghla. “Tha sinn air a bhith a’ deisealachadh agus ag obair anns an togalach ùr agus tha sinn an dòchas bùth fhosgladh nuair a dh’fhuasgaileas an glasadh. Tha na stailean far a bheilear a dèanamh an sineabhar againn ann an Ceann a’ Bhàigh agus gluaisaidh sinn iad a Bheinn na Faoghla nuair a cheannaicheas sinn na dh’fheumas sinn airson tòiseachadh air an uisge-bheatha. ’S e togalach àlainn a tha seo le eachdraidh phrìseil agus tha sinne toilichte a bhith ga ath-bheòthachadh aig an àm seo. Tha a’ choimhearsnachd air a bhith cho cuideachail agus cha b’urrainn dhuinn tòiseachadh air an seo ann an àite na b’fheàrr. Tha e math taic fhaighinn bho mhuinntir an àite agus tha sinne toilichte rud a thoirt air ais dha na daoine bho thaobh gnìomhachas, obraichean agus cuideachd dram beag!”
Airson cumail suas ris an North Uist Distillery faodaidh sibh cuairt-litir fhaighinn bhuapa agus sùil a thoirt air an làrach-lìn aca an seo.
Tha sinn an-còmhnaidh a ’coimhead airson beachdan ùra agus dòighean air fàs – cuir fios thugainn gus a dhol an sàs
We’re always looking for new ideas and ways to grow – get in touch to get involved
© 2021 Uist Beò. A Codel Project
Necessary cookies are absolutely essential for the website to function properly. These cookies ensure basic functionalities and security features of the website, anonymously.
Cookie | Duration | Description |
---|---|---|
cookielawinfo-checbox-analytics | 11 months | This cookie is set by GDPR Cookie Consent plugin. The cookie is used to store the user consent for the cookies in the category "Analytics". |
cookielawinfo-checbox-functional | 11 months | The cookie is set by GDPR cookie consent to record the user consent for the cookies in the category "Functional". |
cookielawinfo-checbox-others | 11 months | This cookie is set by GDPR Cookie Consent plugin. The cookie is used to store the user consent for the cookies in the category "Other. |
cookielawinfo-checkbox-necessary | 11 months | This cookie is set by GDPR Cookie Consent plugin. The cookies is used to store the user consent for the cookies in the category "Necessary". |
cookielawinfo-checkbox-performance | 11 months | This cookie is set by GDPR Cookie Consent plugin. The cookie is used to store the user consent for the cookies in the category "Performance". |
viewed_cookie_policy | 11 months | The cookie is set by the GDPR Cookie Consent plugin and is used to store whether or not user has consented to the use of cookies. It does not store any personal data. |
Functional cookies help to perform certain functionalities like sharing the content of the website on social media platforms, collect feedbacks, and other third-party features.
Performance cookies are used to understand and analyze the key performance indexes of the website which helps in delivering a better user experience for the visitors.
Analytical cookies are used to understand how visitors interact with the website. These cookies help provide information on metrics the number of visitors, bounce rate, traffic source, etc.
Advertisement cookies are used to provide visitors with relevant ads and marketing campaigns. These cookies track visitors across websites and collect information to provide customized ads.
Other uncategorized cookies are those that are being analyzed and have not been classified into a category as yet.