A’ Tighinn Dhachaigh gu Gàidhlig
In the second instalment of our blog series on moving home to Uist, I will focus on the Gaelic language and returning to Uist. This might motivate some to come home to Uist – whether learning the language from scratch or for those who grew up with Gaelic but want to live in a place where it is such an integral part of everyday communication and culture. The rest of this blog will be written in Gaelic.
Tha e doirbh smaoineachadh mu dheidhinn beatha ann an Uibhist às aonais a Ghàidhlig, ge brith an e a bhith ga cluinntinn mun chuairt ort gach latha ged nach eil i agad neo, mar a tha mi fhìn, ga cleachdadh a h-uile latha. Uaireannan, bidh e gam bhualadh nach do chleachd mi mòran beurla idir aig deireadh an latha – nach eil sin iongantach? Gu h-àraid nuair a tha beurla cho bitheanta agus uaireannan cha toir thu for gu bheil thu air sioftadh bho Gàidhlig gu Beurla – dhomhsa co-dhiù, cha mhothaich mi air an code-switch sin.

Nuair a thill mi dhachaidh, gheal mi rium fhèin gun dèanainn oidhirp mo chuid Gàidhlig a’ neartachadh, bha mi misneachail ga bhruidhinn ach ‘s e sgeulachd eile bh’ ann an sgrìobhadh. Cha do sgrìobh mi mòran anns a’ Gàidhlig bho dh’fhàg mi an sgoil, neo fiù ‘s bhon uair a chrìochnaich mi na Standard Grades agam. Ach beag air bheag, le cuideachadh bho leabhraichean mar Gràmar na Gàidhlig, tha mi air fàs nas comasaiche agus nas misneachdail. Nise, tharais air na bliadhnaichean a th’ air a’ dhol seachad bhon uair sin, tha barrachd is barrachd cothroman air tighinn gu bàrr airson cuideachadh le Gàidhlig ionnsachadh neo a neartachadh. Gheibhear cothroman aig Ceòlas agus tha clasaichean airson gach ìre a ruith tron UHI. Air taobh a’ chloinne agus na sgoiltean, tha nis gach pàiste a tha a’ dol dhan sgoil bhon chròileagan a’ dol gu foghlam tro meadhan na Gàidhlig, tha “opt-out” ann ach tha seo a’ ciallachadh gun tèithid a mhòr chuid tro FtMG. Ma tha sibh ag iarraidh leughadh barrachd mu dheidhinn an fheum a nì seo don chànan tha alt inntineach an seo bho Claire Nance
Ach feumaidh mi stiùireadh air falbh bho foghlam a-mhàin a-nis thoradh ged a tha e uabhasach fhèin cudromach gum faigh daoine an cothrom an cànan ionnsachadh, tha e a cheart cho cudthromach coimhead air mar a tha a’ Ghàidhlig air fighe gu dlùth ri dòigh beatha Uibhist. Tha buaidh aig croitearachd agus iasgach air cruth a chànan ach cuideachd ‘san às na h-àiteachan seo a bhitheas i a’ tighinn beò. Tha i cuideachd a’ tighinn beò anns gach gnìomh a’ smaoinicheas tu air bho foghlam gu oifisean a’ chomhairle gu obair ann an roinn na h-Ealain. ‘S e sgil cudromach a th’ ann co-dhiù beagan Gàidhlig a bhith agad, ged a b’ e fiù ‘s “madainn mhath” a ràdh nuair a fhreagras tu an fòn. Ach ma tha sibh a’ coimhead airson obair far a bheil Gàidhlig na sgil riatanach, cùm sùil air na meadhanan-sòisealta aig UistBeò. Gach Dimàirt bi sinn a’ postadh cothroman obrach ann an Uibhist agus bi sinn a dèanamh soilleir iomadh dreuchd bàn far a bheil iad a sireadh neach le Gàidhlig.

‘S dòcha gu bheil seo caran “cheesy” (gabh mo leisgeul airson am Beurlachas!) ach tha mi fhìn uaireannan a’ faireachdainn nas cofhurtaile agus mar mi fhìn nuair a tha mi a’ bruidhinn na gàidhlig. Chan eil fhios agam dè th’ ann ri innse na fìrinn ach nam inntinn tha e cho ceangailte ri dachaidh. Nuair a bhruidhinn i nuair a bha mi a’ fuireach air falbh bho Uibhist, cha mhòr nach robh e gam thoirt air ais… ‘S dòcha gu bheil facal ann air a shon, ann an cànan eile, ach thoireadh e air falbh an cianalas ma bha mi ga faireachdainn. Mar sin, tha e doirbh dhomhsa leughadh gu bheil crìonadh na cànan a tachairt. Ach tha dòchas ann, leis na tha a tighinn air ais dhachaidh agus na tha ag ionnsachadh a chànan tha mi nas misneachail a’ coimhead ris an àm ri teachd.
Ma tha sibh coltach riumsa coig bliadhna air ais, air misneachd a chall anns na sgilean cànan agaibh, tha mi toilichte innse dhuibh gun fhàs e nas fhasa! Daonan tha daoine dìreach toilichte gu bheil thu a’ dèanamh oidhirp. Mar a tha an abairt a dol: “is fhèarr Gàidhlig briste na Gàidhlig sa chiste”