Aonghas Fearghastan
‘Tha an fheamainn a gheibhear an seo a’ fàs ann am pailteas, chan eil e a’ fàs ann an mòran de dh’àiteachan eile air an t-saoghal.’
Tha sinne aig Uist Beò a’ cabadaich ri Aonghas Fearghastan, fear de luchd-obrach Uist ASCO ann an Uibhist a Tuath.

‘Bha e iontach, bha mi a tighinn seachad air an t-àite seo a h-uile madainn airson dà bhliadhna agus cha robh mi a-riamh a-staigh air a gheata, ach thàinig mi air chèilidh làtha agus thuirt JP, a tha os cionn a ghnothach, gun robh an obair a’ tighinn suas.
Ghabh mi comhairle m’ auntie an obair a ghabhail. Aig an àm bha mi a’ togail taigh agus thuirt i, ‘dèan a h-uile dad còmhla agus bidh e a-mach às a rathad’ agus rinn mi sin. Tha e air a bhith sgoinneal tighinn dhan obair seo, tha còrr as trì bliadhna air a bhith ann a-nis agus tha dìreach air a dhol seachad ann a flash!
’S e companaidh a th’ann an Uist ASCO, a bhitheas a’ buainn agus a’ reic ‘Ascophyllum Nodosum’ – facal gu math spaideil airson feamainn.
’S e sin an seòrsa feamainn a tha sinne a’ tiormachadh agus mar sin, ’s ann às an sin a thàinig an t-ainm ‘Uist ASCO’.
’S e teaghlach MacIain a thoisich an gnothach air ais ann an 2012, chaidh a cheannach an uairsin le ‘Acadian Sea Plants’ ach tha Uist ASCO fhathast a’ seanadh leotha fhèin.

Tha àiteachan eile aig ‘Acadian Sea Plants’ thairis air an t-saoghal, ach tha iad gar fàgail againn fhèin airson ar ’n obair fhèin a dhèanamh.
Tha iad air an gnìomhachas againn a thogail gu mòr agus tha iad air tòrr airgead a chuir dhan àite airson àrdachadh a thoirt air a phlant a th’ againn. Nì seo diofar air na tha sinn a togail, a tiormachadh agus ga reic.
Tha an seòrsa feamainn a th’ air a bhuainn ann an Uibhist ri fhaighinn air taobh an iar Èirinn agus air taobh an ear Chanada. ’S ann às na h-àiteachean seo a tha a mhòr chuid dhen ‘rock-weed’ sònraichte seo a’ fàs. Tha Uist ASCO ag obair le daoine air feadh nan eileanan a tha a’ gearradh agus a’ buain na feamainn seo. Tha iadsan a’ cruinneachadh an fheamainn a tha iad a’ ghearradh, anns an dòigh traidiseanta. Tha na daoine a tha a’ gearradh ag obair dhaibh pèin agus mar sin faodaidh iad a dhol a-mach a dh’obair nuair a thogras iad.
Nuair a gheibh sinn a-staigh air a gheata e, tha sinn ga thiormachadh agus an uairsin ga bhleith sìos gu meud eadar dhealaichte, tha seo a rèir ’s dè a tha a dhìth air an na feadhainn a tha ga cheannach bhuainn.’
Tha custamairean Uist ASCO a’ tighinn à fada ’s farsaing. Nuair a dh’ fhaighneachd sinn do dh’ Aonghas cò bha a’ ceannach bhuapa, fhreagair e: ‘Oh, tha dìreach mixture ann!’
Tha pàirt dhe a’ dol thar Bhreatainn agus tha an còrr a’ dol tarsaing air an t-saoghal. A mhòr chuid, ’s e biadh bheathaichean a bhitheas ann; pet food, cobets chaorach agus a h-uile dad mar sin. ’S dòcha latha air choireigin gum bidh sinn a’ dèanamh make-up leis.
Mar a tha an gnothach dhan h-uile gnìomhachas eile, tha a h-uile sian a sìor fhàs daor agus tha Aonghas ag innse mun na duilgheadasan a tha aig Uist ASCO.
‘Tha an connectivity aig àmannan doirbh. Tha sinn a’ dèanamh math bho thaobh eadar-lìon, ach airson an stoc a’ ghluasad chan eil e cho furasda. Bidh daoine a trod mu dheidhinn aiseagan agus ’s beag an t-iongnadh. Nuair a tha thu feumach air dòigh air stuth a thoirt a-staigh agus a chuir air falbh airson cumail a’ dol, tha e uabhasach doirbh.’

‘Tha sinn an còmhnaidh a’ siubhal dhaoine, sin an trioblaid às mothha a th’againn. Ghabhadh sinn grunn a bharrachd de dhaoine a’ gearradh neo anns an fhactaraidh. Tha na daoine a tha a’ gearradh, chan iarradh iad an còrr. Tha iad a’ dèanamh airgead reusanta, tha iad a’ taghadh cuin a bhitheas iad ag obair, tha e a còrdadh ris a h-uile duine a tha ris.
Ann an latha Aonghas, bha aig an òigridh air fad ri falbh bhon eilean dhan oil-thigh, no gu colaiste cha robh mòran de dh’obraichean ri fhaighinn, cha robh mòran obair talamh a dol. Ach an diugh, tha clann-sgoile Sgoil Lìonacleit a’ faighinn an cothrom ionnsachadh mu obair chruitearachd anns a chlas.
‘Tha mi a’ smaoineachadh nach eil na h-uimhir de dh’ fheadhainn òga a falbh an diugh ’s a bha nuair a bha sinne a’ fàgail na sgoille. Tha daoine a’ faicinn a nist gu bheil a leithid de chothroman ann anns an àite fhèin. Nach fheum thu falbh, airson a bhith ann an fiachan mus tòisich thu air faighinn do phàigheadh.
Dh’ fhaodadh tu a bhith a’ criotaireachd agus le obair feamainn. Dhèanamh tu deagh bheò-slainnt as na dhà sin, agus nam bheachd ’sa bhiodh e glè mhath. Dh’obraicheadh na dha sin math còmhladh.

’S e dòigh obrach gu math seasmhach a th’ann an obair an fheamainn. ’S e rud nàdarra a th’ann a tha a’ fàs agus a tilleadh ann am pailteas. Gach sàmhradh bidh Uist ASCO a dèanamh ‘Biomass Assessments’. Tha seo a’ tachairt tron eilean airson dèanamh cinnteach nach wil an cumpanaidh a’ dèanamh cron air na h-àitean far a bheil iad a’ gearradh agus gun tèid aca air tilleadh ann a-rithist.
Ann an ceithir bliadhna fàsaidh feamainn air ais mar a bha e mus deach a ghearradh. Tha e a fàs air ais glè mhath an seo agus tha map againn a cumail sùil air na h-àiteachan seo. Tha e a fàs air ais glè mhath.

Tha sinn a feuchainn ri bhith cho uaine ’s a ‘s urrainn dhuinn, ach chan eil sin furasta nuair a tha thu a losgadh. ‘S e fiodh a tha sinn a’ losgadh, ach tha sinn a’ feuchainn ri bhith cho seasmhach ’s a ghabhas. Tha sinn ag obair le rud a tha cho nadurra agus fallainn. Mar sin, tha sinn airson an aire a thoirt dhan àiainneachd againn fhèin.
‘S e deagh ghnìomhachas a tha seo dhan eilean agus do mhuinntir an àite. Tha Uist ASCO a’ fàs agus tha iad a cumail air fàs. Tha cothroman ann airson iomadach ciùird. Tha obraichean ann air bàtaichean, air làraidhean, anns an oifis, no airson einnseanair le deagh phàigheadh is deagh chòraichean-obrach.
Tha sinn an dòchas gun tèid an gnothach air ais cho làidir ’s a bha e, ach, sin a rud a tha cinneas daoine ann. Feumaidh sinn daoine agus taighean dhaibh. Ghabhainn dithis eile co-dhiù anns an fhactaraidh agus dribhear eile. Tha còigear ag obair againn aig làn-uine anns an fhactaraidh agus dithis eile ag obair pàirt den ùine. Tha dithis dràibhearean againn agus tha mu tha mu dheich-air-fhichead a’ gearradh dhuinn tron bliadhna aig diofar ìrean.
Tha an doras aig Aonghas agus geataichean Uist ASCO fosgailte do dhuine sam bith. Nach tadhal sibh a-staigh latha air choirieigin air chèilidh, co aige tha fios dè thig às!
