Stories

Aonghas MacMhaolain

Nuair a thig sibh tro Bheinn na Fhaoghla, chì sibh togalach mòr annasach le uinneagan sònraichte agus rudan gleansach a’ coimhead a-mach thairis air an Fhaoghal a Tuath. Cò air a tha sinn a-mach? Dè eile, ach Taigh-Staile Clann ’ic ‘ille Mhaoil.

Air ùr-thogail, tha MacMillan Spirits air an dorsan fhosgladh gus fàilte a chuir air duine sam bith a tha ag iarraidh cupa tì, coffee no tot bheag. Bhruidhinn sinne ri Aonghas MacMhaolain a tha os coinn an taigh-staile ùr.

‘Tha mi cinnteach gu bheil cò-dhiu 6 no 7 bliadhna ann bhon a thòisich sinn air bruidhinn air an taigh-staile ann am Beinn a Fhaoghla. ’S e rud a bh’ ann a bha mi airson a dhèanamh bho chionn ùine mhòr agus chunnaig mi an uairsin an cothrom.’

’S ann as dèidh do dh’ Aongais a bhith shuas an Arcaibh aig taigh-staile Highland Park a fhuair e a bheachd air tòiseachadh dha fhèin.

‘Nuair a choisich mi a-staigh an sin, chunnaig mi gun deach an àite sin a thogail ann an 1798. Bha mi ag ràdh ruim fhèin, mu tha thu ag iarraidh rudeigin a bhith maireannach, far am bidh gnothaichean a’ dol air adhart airson iomadach bliadhna, mu dh’fhaoidte gur e seo e.’

An dèidh seo, thòisich an obair. Airson Uisge Beatha a’ dhèanamh, cha ruigear a leas ach trì rudan. B’ e sin eòrna, uisge, agus yeast. Tha gu leòr mhòr de seo againn ann an Uibhist.

‘Bha mi a’ faicinn gun robh gniomhachas ann a ghabhadh cuir air adhart. Tha suas ri 130 taighean-staille ann air feadh na dùthcha. Feumaidh mi feuchainn air cuairt a chuir orra air fad.’

Mar a tha Uisge-Beatha air a dhèanamh, an dèidh dhut an t-eòrna, an t-uisge agus an yeast fhaighinn, tha gu leòr obair romhad. Tha Aonghas ag innse gu bheil trì pìosan ris; Malting, Fermentation agus Distillation. Nuair a dhraibheas sinn seachad agus a’ coimheadas sinn tron na h-uinneagan, seo a chì sinne a tachairt.

‘Chì thu na staillean bhon rathad. Tha Wash Still ann an toiseach, far a bheil a chuid mhòr dhen na h-impurities a’ tighinn às agus an uairsin an Spirit Still far a bheil thu a’ faighinn an uisge beatha mu dheireadh. Agus nuair a tha sin a’ tighinn roimhe, ’s ann clìr a tha e. Tha math gum biodh uisge, ach ’s e uisge beatha a th’ann!’

An uairsin tha a dol dhan na barailtean agus tha taghaighean ann ri dhèanamh air de seòrsa togsaig a tha thu ag iarraidh airson am blàs a thoirt air an uisge bheatha.’

Dh’innse Aonghas gu robh e a’ smaointinn air cò air a dh’oladh an uisge beatha aigesan. Tha maragaid farsuing anns a t-saoghal airson an dram agus mar sin, cha mhòr gun gabh rud sam bith dèanamh.

‘Bha mi a’ feuchainn ri Uisge Beatha a dhèanamh a fhreagradh, ’s dòcha, air feadhainn òga. No leothasan ris nach robh ro eòlach air Uisge Beatha. Rudeigin socair, nach toireadh an teanga asad, ach fhathast far an gabhadh aithneachadh far an tàinig e.

Tha feadhainn a tha gu math làidir ann, le blas na mònadh no blas toit agus feadhainn eile ann air nach robh blas idir.’

Bha Aonghas airson ’s gum biodh beagan blas na monadh agus a mhuir air an uisge bheatha aige. Còmhla ris an seo flùraichean a mhachaire agus beagan toit. Dè mu dheidhinn sin airson cocktail!

Bha mi ag iarraidh rudeigin nach cuireadh an teanga agad na theine agus a bha laghach ri òl. 

An dràsda tha còrr as 25 ag obair anns an Taigh-Staile ùr agus tha cafè bhreagha ann cuideachd a tha fosgailte tron latha. A bharrachd air Uisge Beatha tha cuideachd Gin agus Ruma ri cheannach anns an taigh-staile. Gheibhar cuideachd deagh bhiadh. 

Airson sùil a chumail air dè tha dol aig MacMillan Spirits thigibh gu macmillanspirits.com no coimheadibh air Facebook no Instagram

Slàinte Mhath!