Catrìona NicLeòid
Tha Uist Beò air an t-seachdain seo air a bhith a’ bruidhinn ri Catrìona NicLeòid à Uibhist a Deas. Ged a tha Catrìona aig Sabhal Mòr Ostaig an dràsda, a’ dèanamh cùrsa ann an Gàidhlig agus na Meadhanan, cuir i seachad ùine ag obair airson teaghlach na cùramaiche. Obair a chòrd rithe gu mòr, mar a chluinneas sinn tron sgeulachd seo.
‘ ’S e obair uabhasachadh math a bh’ann dhòmhsa agus thug e misneachd dhomh. Fhuair mi tòrr toileachas às agus bha buaidh mhòr aige orm.’

‘Chunnaic mi sanas air-loidhne dhan obair seo agus bha mi dìreach gus an sgoil fhàgail aig an àm. Nuair a chunnaic mi seo, bha mi a’ smaointinn gur e deagh rud a bhiodh ann dhomh. Chuir mi fios chun an teaghlach agus fhuair mi an obair mar sin.’
Fhad ’s a bha i còmhla ris an teaghlach seo, bhiodh Catrìona ag obair air an deireadh sheachdain agus cuideachd air na feasgaran agus bha seo a freagairt math oirre nuair a bha i a cuir crìoch air a laithean sgoile. A bharrachd air an seo, bha i a’ faighinn tòrr às na beatha fhèin agus dh’ ionnsaich i an t-uabhas.
‘Chòrd e rium gu mòr. Shell e dhomh cho fortanach ’s a tha mi-fhèin anns a bheatha agamsa agus sheall e dhomh cho diofraichte ’s a dh’ fhaodas rudan a bhith airson dhaoine eile.
Chunnaig mi cuideachd aig an àm, ged a dh’ fhaodas rudan a bhith doirbh, gu bheil daonan runan math ann a measg seo. Tha daoine cho làidir agus tha iad airson a bhith toilichte ged nach eil an t-slàinte aca co math.
‘ ’S e rud diofraichte a bh’ ann dhan aois agamsa. Cha robh na feadhainn eile a dh’fhàg an sgoil aig an aon àm a’ coimhead airson obair a coimhead as dèidh dhaoine anns na taighean aca.’

Nuair a bha Cartìona anns an sgoil, bha gu leòr ann a bha airson a bhith na nursaichean agus bhiodh iad ag obair le seann daoine no anns an opsadal ach tha ise ag ràdh gu bheil cothroman eile ann a bhith a’ coimhead as dèidh dhaoine nan taighean fhèin.
‘Bha mo cho-aoisean tric a’ faighneachd cheistean air dè bha mi a’ dèanamh agus ciamr a bha e a còrdadh rium ach cha robh iad air smaointinn air an seòrsa obair a bha sin dhaibh pèin.
Tha teaghlaichean a’ siubhal dhaoine airson ‘private care’ ann an Uibhist. Tha am barrachd teansaicean ann airson a bhith ag obair le teaghlaichean agus ’s e deagh obair a th’ ann.‘
Ged nach e obair cho ‘trendy’ a th’ ann a bhith nad chùramaiche, tha Catrìona a crìochnachadh ar còmhradh ag innse an toileachas a fhuair i às:
‘Bha e na urram dhomh a bhith a’ coimhead às dèidh chuidigin eile. Bha mi a tighinn às cho toilichte agus cho dòchasail. Bha math dhomh an cothrom fhaighinn a bhith a’ coimhead às dèidh feadhainn eile agus channain ri duine sam bith eile fheuchainn aig àm sam bith.’

Tha daonan dòigh ann air a bhith a’ coimhead air suidheachadh, far nach eil gnothaichean cho dona. Feumaidh tu gabhail ri rudan a tha a tachairt agus a dh’ fhaodas atharrachadh gu math luatha aig amannan.
Bha mi a’ faicinn cho toilichte ’s a bhiodh daoine a bh’ann an suideachadh doibh agus bha sin na thlac dhomh.’
