Stories

Coinneach MacCoinnich

Tha Uist Beò an diugh a’ gabhail sgrìob a-null a Chanada airson bruidhinn ri fear a chì sinn tric air àrd-ùrlar leis a phìob agus cuideachd leis an fhidheal aig Ceòlas.

Tha Coinneach MacCoinnich a’ fuireach ann am Mabou, Ceap Breatainn agus tha ceangal gu math làidir aige ri Uibhist a Deas. ’S ann às a thàinig athair, Raghnall. Agus ’s ann an sin a thachair Raghnall le te òg à Mabou. Mar a channas iad, the rest is history!

‘Chaidh mo mhàthair a-null a dh’Uibhist anns na 70’s airson a cuid Gàidhlig a bhrosnachadh. Bha i airson fuireach ann an àite far an robh a’ Ghàidhlig làidir, so chaidh i a dh’Uibhist agus thachair i air m’ athair. Thàinig iad air ais agus phòs iad. Mar sin ’s ann am Mabou a thogar mi-fhèin, mo phiuthar is mo bhràthrairean.’

Bha màthair Choinnich ag obair ann an Hotel Lochbaghasdail agus tha easan ag innse gum biodh ise tric a’ bruidhinn air na bliadhnaichean seo. ‘Bha sgeulachdan aice air Uibhist agus na nigheanan eile a bha ag obair anns an ’otel aig an àm, agus cuideachd na characters a bha mun cuairt.’

Tha mòran dhaoine ann an Ceap Breatainn aig a bheil ceangal ri Uibhist bhon a chaidh daoine a chuir a-null an toiseach anns an 19mh lìnn deug. Chithear sgìrean ann far an tàinig teaghlaichean à Uibhist, Barraigh agus à Loch Abar. An diugh, tha an cothrom againn cumail suas ris na ceangalaichean seo agus siubhal eadar Uibhist agus Ceap Breatainn airson tachairt air na càirdean.

‘Bhiodh muinntir Cheap Breatainn a’ dol a dh’ Uibhist no a dh’Alba tric agus an ceangal a bha sin a bhrosnachadh. Anns na làithean seo, bho thaobh ciùill is danns’ is cultair, tha ceanglaichean gu leòr ann, channain.

‘Tha daoine air a bhith a’ dol a-null air chèilidh, no airson an t-àite fhaicinn. Gu h-àraid nam biodh ceangal ‘s an teaghlach aca. Tha Ceòlas air muinntir Uibhist is muinntir Cheap Breatainn a’ thoirt còmhladh. Agus cuideachd, bidh muintir Uibhist a’ gabhail sgrìob a-bhos an taobh seo cuideachd.’

Bhon a thòisich Ceòlas, tha sinne ann an Uibhist air an cothrom fhaighinn tachairt agus cluinntinn bho iomadach cheòladair is dannsair à eilean Cheap Breatainn.

‘Anns na 90’s chaidh feadhainn a-null agus chan eil iad mun cuairt anns na laitheachan seo. Daoine mar a bha Buddy MacMaster, Willie Kennedy, Willie Fraser, Joe Peter MacLean, Mary Janet MacDonald, agus Fr Angus Morris.

Chaidh iad ann is bha iad làn stòraidhean nuair a thìll iad. Chòrd an ùine cho math leotha agus an uairsin bha ginnealach ùr ann a bha a dol a-null an leithid Kinnon Beaton, Dave MacIaasac, agus gu leòr eile. An uair sin bha feadhainn òga eile a’ dol a-null mar a bha mi-fhèin is Shelly Caimbeul agus an còrr. Agus a nist tha feadhainn ùra a’ dol a-null. Tha e snog mar a tha na ginnealaichean a’ dèanamh na ceanglaichean aca fhèin ann.

‘Tha mise a’ faireachdainn gu math ceangailte ri Uibhist. Bhon is ann a sin a chaidh m’ athair a thogail. Tha gu leòr ann a tha coltach ann anns an dà àite.

Thug Coinneach dhuinn sgeul mu dhèinn nuair a thàinig bodach à Ceap Breatainn a thadhal air Uibhist aon bhliadhna. Thachair e air bodach Uibhisteach air a’ bhat’ aiseig agus ’s ann ann an Gàidhlig a bha iad a’ cabadaich.  An dèidh dhaibh a bhith a’ bruidhinn ùine mhòr, mu dheireadh dh’fhaighneachd am bodach ris ‘cuin a bha thu dhachaigh mu dheireadh?’

Dh’fhreagair am fear à Ceap Breatainn. ‘oh, mu dha chiad bliadhna air ais!’

Bha blas cho Uibhisteach air a Ghàidhlig, nach do thuig am bodach gur ann an Canada a chaidh am fear eile a thogail.

‘Bha geama agam fhèin agus aig Shelly Chaimbeul nuair a bha sinn ann an Uibhist air a bheil ‘spot the Creap Bretoner’ Tha na daoine cho coltach ri chèile nan coltas agus nan nàdur agus tha an dòigh beatha coltach cuideachd. Bidh sinne cuideachd a’ cleachdadh sloinneadhean ann an Ceap Breatainn agus tha sin gu math inntinneach.

Ann an Uibhist, tha pìobaireachd agus òrain cho làidir – pìobaireachd gu h-àraid.

Tha na daoine cho fiosrachail agus cho measail air a’ phìobaireachd, agus mu chluicheas iad deagh 2/4 march tha iad dìreach air an dòigh glan.

Ann an Ceap Breatainn, bho thaobh fìdhlearachd, an seo bidh daoine a’ dol craicte nuair a tha sinn a’ cluich sreath de strathspeys. Tha diofaran ann ach tha mi a’ faicinn gu bheil na daoine dlùth leis an aon seòrsa faireachdainn anns na tallaichean.

Tha Coinneach ag innse gu bheil rudan air neartachadh ann an Alba Nuadh bho thaobh na Ghàidhlig agus bho thaobh a chiùil. Tha tòrr air a bhith a’ tachairt ann bho chionn deich bliadhna.

‘Gu h-àraid anns na lathaichean seo tha rudan ag atharrachadh gu mòr. Tha sinn a call na seann fheadhainn aig an robh a Ghàidhlig bho thùs. Chan eil mòran aca air fhàgail. Ach tha gu leòr ann a tha air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig gu deagh ìre agus tha iad a’ togail theaghlaichean an seo.

Tha barrachd ag ionnsachadh na Gàidhlig an dràsda, tha mi a’ faireachdainn, na bha riamh, math dh’fhaoidte. Tha iad ga chleachdadh cuideachd anns a’ choimhearsnachd. Nuair a tha mi a’ dol gu dannsa, no a’ dol a mach, ‘s cìnnteach gum bidh còmhraidhean a’ dol anns a’ Ghàidhlig, agus tha sin math. Cha robh sin a’ tachairt daonnan.

Tha ‘institutional improvements’ air a bhith anns an dà Eilean cuideachd. Tha Cnoc Soilleir ann an Dalabroig agus Beinn Mhàbu an seo. Tha parallels ann eadar an dà àite. Tha na pròiseactan agus na togalaichean seo gu math riatanach agus tha iad a’ toirt deagh bhuaidh air an àite.

Tha clàr aig Coinneach còmhla ri bhràthair, Aonghas agus ’s d’fhiach èisteachd ris. Feuch gun èist sibh ri Pìob & Fidheal fhad ’s a tha sibh a’ coimhead air Skyscanner airson turas a Cheap Breatainn!