Dòmhnall MacEanraig
An-uraidh, dh’fhàg Dòmhnall MacEanraig Sgoil Lìonacleit agus ghabh e air an rathad gu Deas airson ceàird ionnsachadh. Fhuair e an cothrom seo ann an Dalabrog.
An dràsta tha e ag obair aig Cnoc Soilleir far a bheil e a’ faighinn ionnsachadh bho MG Alba le Ceòlas Uibhist anns na meadhanan.
‘Tha mise ag obair nam ‘Chommunity Content Creator’ agus bidh mi ag obair air diofar phròiseactan thairis air an ath dà bhliadhna. Airson mìos no dha tha mi a’ tòiseachadh air aon pròiseact agus an uairsin bidh mi a’ gluasad air adhart gu rudeigin eile.
Airson a chiad pròiseact, ’s ann air stèisean ùr rèidio Gàidhlig a tha Dòmhnall a’ cumail aire, agus ’s e sin Rèidio Cheòlais. Thàinig Rèidio Cheòlais beò air an 19mh latha den Fhaoilleach agus tha mòran dhaoine air feadh an t-saoghail air a bhith anns an èisteachd air a shon.
‘Tha sinn a’ tòiseachadh bhon toiseach, agus tha tòrr againn ri dhèanamh fhathast. An dràsda tha sinn a’ siubhal preasantairan agus a’ faighinn cleachdte ris an ‘software’ a th’againn.
Tha prògram no dhà rim faighinn air an stèisean ùr seo, nam measg, programme Dhòmnaill fhèin, a chluinneas sibh gabh feasgar air a bheil ‘A’ Dol Dhachaigh le Dòmhnall’, agus prògraman eile le Shona Masson, Joe MacNèill agus Iain Iòsaph MacNèill anns a chathar. Ach, mar a thuairt Dòmhnall, bhon nach eil seo ach na rud ùr:
‘Tha sinn a’ coimhead airson preasantairan ùra agus prògraman eile. Mu tha beachd aig duine sam bith air sian sam bith, le cuspair sam bith ann an Gàidhlig bidh sinn toilichte a’ chluinntinn agus an uair sin a chraoladh.’
Faodaidh duine sam bith am beachd a chuir gu reidio@ceolas.co.uk. Gabhaidh Reidio Ceòlais èisteachd ris air loidhne air an larach-linn, agus chan fhada gus am bith app sònraichte ann dha.
‘Tha studio clàraidh ann an Cnoc Soilleir, agus mar sin thig againn air a h-uile sian a chlàradh an sin. Tha sinn cuideachd a’ chluich tòrr ceòl tron latha agus tron oidhche. Tha sinn airson ’s gur e 24hr station a bhitheas ann. Tha cuideachd oidhche mhòr a dol a bhith againn air 23mh latha den Ghearran anns an lasaig aig Cnoc Soilleir.’
Anns an latha a th’ann an diugh, tha e na thlachd dhuinn gu bheil òigridh an àite a’ faighinn an cothrom na sgilean a tha a dhìth orra airson am beò-slainnt ionnsachadh ann an Uibhist. Tha Dòmhnall riamh air a bhith airson a bhith ag obair anns na meadhan.
‘ ’S e traineeship a th’ann airson dà bhliadhna còmhla ri MG Alba. Faodaidh tu fuireach anns a’ choimhearsnachd agad fhèin, mar sin tha mise stèidhte aig Cnoc Soilleir a’ dhèanamh obair camera, editing agus naidheachdas a bharrachd air Rèidio Ceòlais. Tha tòrr ri dhèanamh agus beagan obair-cùrsa cuideachd.’
Tha Dòmhnall ag innse dhuinn:
‘Tha còrdadh rium an dràsda a bhith a’ fuireach ann an Uibhist. Bidh e math aig deireadh an dà bhliadhna a dhol a-mach a Ghlaschu, ach dhomhsa anns an suidheachadh anns a bheil mi, tha mi toilichte a bhith ann an Uibhist.
’S e deagh àite obrach a th’ann an Cnoc Soilleir. Tha ùr agus snog agus bidh mi a bruidhinn Gàidhlig fad na h-uine ann. Bidh mi cuideachd a’ faighinn an cothrom air a bhith a cluich ceòl tron t-seachdain cuideachd.’
Mu tha sibhse airson Dòmhnall a chluinntinn air a bhocasa-ciùil, faodaidh sibh sin a dhèanamh gach feasgar Dimàirt aig Cnoc Soilleir. Airson èisteachd ri Rèidio Ceòlais, agus cumail suas ri obair Dhòmhnaill, bheiribh sùil air an làrach-lìn no air na meadhanan sòisealta aig Ceòlas air Facebook no Instagram.