Stories

Fiona NicBhiocair – Am Paipear

Tha naidheachdan Uibhist air a bhith a’ tighinn thugainn bho chionn bhliadhnaichean bho Am Pàipear, a chaidh a stèidheachadh ann an 1976 le Mgr Cailean Mac Aonghais. 

An diugh, tha an sgioba air fàs agus tha sinne a’ bruidhinn ri Fiona NicBhiocair a thòisich air sgrìobhadh agus air obair dhan phàipear anns an Ògmhios.

‘ ’S e dreuchd ùr a tha seo aig Am Pàipear agus tha mise os cionn na naidheachdan Gàidhlig. Bidh mi ag obair le tè eile cuideachd a’ dèanamh obair Beurla.

Aig an an àm seo tha mi ag obair aig pàirt ùine, ach tha mi dòchasach gun tig seo a liatachadh agus gum bidh am barrachd ùine agam airaon tuilleadh naideachdan Gàidhlig a chuir dhan phàipear.

An dràsda, tha trì pìosan Ghàidhlig a’ dol dhan phàipear gach mios agus bidh Fiona a cuideachadh leis na naidheachdan Beurla cuideachd.

Nuair a bha Fiona anns an sgoil, bha i a’ faireachdain nas làidire anns a chlas Gàidhlig na bha i ann an cuspair sam bith eile. Mar sin, chum i rompa gu Oilthigh Obar Dheathain agus gu Sabhal Mòr Ostaig far an d’ fhuair i ceumannan anns a chànan mus do thìll i dhachaigh. Tha a-nis còrr as dusan bliadhna ann bho thìll i air ais a dh’Uibhist. Ged a bha an t-eòlas agus an t-ionnsachadh aice, cha robh na cothroman ann air an eilean airson obair.

‘Cha robh mòran de dh’obraichean Gàidhlig anns na h-eileannan nuair a thàinig mi dhachaigh. Cha robh e furasda a bhith ag obair bhon taigh aig an àm sin.

 

Gu fortanach, tha gnothaichean air atharrachadh agus chì sinn am barrachd de dh’obraichean Gàidhlig anns na h-eileanan an diugh.

 

Chunnaig mi an obair seo air Uist Beò agus cuir mi air a shon.

Bha mi riamh measail air a bhith a’ sgrìobhadh anns a Ghàidhlig ach cha robh eòlas agam air naidheachdas. Ach, fhuair mi an obair agus tha mi an dòchas gun tèid agam air cumail rotham leis. Tha an sgioba air tòrr stiùireadh a thoirt dhomh agus tha mi ag ionnsachadh fad na h-ùine.

Ged a tha blas nas foirmeil aig paipear naidheachd seach dòighean sgrìobhaidh eile, tha Fiona ag ionnsachadh agus ag aithris air measgachadh de bheachdan agus dè sgeulachdan a tha cudthromach dhan eilean. Tha Am Pàipear cuideachd a sior fhàs agus gabhaidh e leughadh air-loidhne.

Tha e cudthromach an dràsda gum bidh an dà chànan air am faicinn agus tha sinn airson gum bidh naidheachdan Gàidhlig a’ dol a-mach gach mìos. Tha mi-fhèin toilichte an cothrom fhaighinn sgeulachdan Gàidhlig a chuir ri chèile agus tha sinn an dùil podcasts a chuir ri chèile ann an ùine gun a bhith fada. Bhithinn toilichte cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil sgeulachd anns na h-Eileanan.

Mu tha naidheachd no beachd sam bith agaibh airson Fiona, cuiribh fion thuice aig sgeul@ampaipear.com 

Chì sibh dè tha a’ dol aig Am Pàipear an seo: www.ampaipear.com