Stories

Fiona Nic Ìosaig

Tha Fiona Nic Ìosaig, à Uibhist a Tuath air a cumail trang le caoraich, cruitearachd agus iomadach obair eile. An dèidh dhi an sgoil fhàgail, bha aice ri a h-ìnntinn a’ dhèanamh suas de an t-slighe a ghabhadh i bho thaobh foghlam. An tigeadh i gu Oilthigh Chill Rìmhinn? No am fuireachaidh i na b’ fhaisge air a chruit gus ionnsachadh fhaighinn troimh UHI Taigh Chearsabhagh? An taghadh i Geology no an taghadh i na h-ealain? Uill…

“Chaidh mi gu UHI Taigh Chearsabhagh agus dh’ionnsaich mi tòrr bho thaobh dòighean-obrach anns na h-ealain. Dh’ionnsaich mi dè bha ceàrr is dè bha ceart agus dè bha math is dè bha dona.

Rinn sinn obair le puisteal, peann, pensail agus iomadh seòrsa peant. Bhitheadh sinn a’ dèanamh ‘Life drawing’, fotografchd, agus dealbhannan dhean na seallaidhean a tha mun cuairt oirnn. Bhiodh luchd-ealain eile a’ tighinn a-staigh thugainn cuideachd agus bhiodh iad a’ teagasg dhuinn na sgillean sònraichte a bh’aca fhèin.

Dh’ionnsaich mi tòrr mu dheidhinn ‘darkness room photography’ agus a bhith a’ tarruing dhealbhannan seann-fhasanta ann an dubh is geal. Thug sinn deagh stiùreadh dhomh mo shlighe a dhèanamh chun an seòrsa ealain a bhitheas mi a’ dèanamh an diugh.

Fhads a bha Fiona a’ dèanamh a ceum aig Taigh Chearsabhagh bha i a’ faighinn oideachadh bho Anna NicCoinnich agus Fiona Pearson. Na h-ùine ann, fhuair i blasad air iomadach seòrsa  obair ealan agus ràinig i ìre far an robh am barrachd saòrsa aice coimhead air a stoidhle fhèin.

Faodaidh tu rudan fheuchainn, agus mur nach obraich iad, faodaidh tu am feuchainn a-rithist agus coimhead air dè a chaidh cèarr gus faighinn a-mach carson nach do dh’obraich e. Aig an aon àm gheibh thu tuigse agus ùine coimhead air dè dh’obraich agus a bha math.

Aig Taigh Chearsabhag tha taghadh ann cùrsa HNC no Ceum a dhèanamh anns na h-ealain. Air an HNC, gheibhear an cothrom eòlas fhaighinn air a h-uile seòrsa ealain gus faighinn a-mach co ris a chuireas tu fhèin d’ aire. Nuair a nì thu an Ceum tha an cothrom agad liatachadh air na sgilean seo agus obrachadh air do stoidhle fhèin. Tha iomadh duine air an cothrom seo a ghabhail agus tha Fiona ag innse cho feumail ‘s a tha e na h-oileanach air a bhith a’ cumail taic ri chèile. 

“Bha mi còmhla ri daoine eile a bha cruthachail agus dh’ionsaich mi bhuapasan cuideachd. Bha tòrr de chothroman againn a bhith a’ bruidhinn agus a’ coimhead air an obair a bha sinn a’ dèanamh agus a bhith ag innse dè bha còrdadh rinn agus dè dh’fhaodadh a bhith nas fhèarr.

Bha sinn caran cruaidh air a chèile aig amannan ach bha e math sin a dhèanamh. Bha sin feumail agus cha robh sinn a’ cuir sìos air a chèile. Cha robh sinn a dol a mach air a chèile. Bha sinn ag obair a h-uile latha còmhladh agus bha sinn a’ faighneachd airson beachdan.

Thug Taigh Chearsabhagh tòrr misneachd dhomhsa a bhith a’ dèanamh nan ealain agus a cleachdadh nan sgilean a dh’ionnsaich mi.

Bho chionn ghoirid, fhuair Fiona an cothrom taisbeanadh a chuir ri chèile dhen obair aice aig Taigh Chearsabhagh. Rinn i taisbeanadh air an tug i an t-ainm Samhlaidhean.

 

An seo, bha ceitheir dealbhannan mòra ann an dubh is geal, aon film mun cuairt air Creag Hàstain agus sreath de Pholaroids Geo-Chrome le buidhe, uaine agus dubh. Thagh i na faclan ‘uncanny,’ ‘weird’ agus ‘eerie’ agus mar a bha iad ag obair ann an co-theacsa Gàidhealach.

Bho chionn ghoirid, fhuair Fiona an cothrom taisbeanadh a chuir ri chèile dhen obair aice ‘sa aig Taigh Chearsabhagh. Rinn i taisbeanadh air an tug i an t-ainm Samhlaidhean.

An seo, bha ceitheir dealbhannan mòra ann an dubh is geal, aon film mun cuairt air Creag Hàstain agus sreath de Pholaroids Geo-Chrome le buidhe, uaine agus dubh. Thagh i na faclan ‘uncanny,’ ‘weird’ agus ‘eerie’ agus mar a bha iad ag obair ann an co-theacsa Gàidhealach.

Anns an obair a bha mi a’ dèanamh, bha mi a’ coimhead air sgeulachdan os-nàdurrach bhon choimhearsnachd agam fhèin, agus cuideachd bho Uibhist a Deas is Barraigh.

Bha faireachdain ann gur e rudeigin bho aisling a bh’ann. Bha mi a’ leughadh aiste a sgrìobh John MacInnes, mu dheadhinn Fàsach ann an Duthas nan Gàidheal agus ’s ann as an seo a thàinig ‘Samhlaidhean’.

“Thuairt e gur anns an fhàsach no anns a mhòintich a bhiodh tòrr den na rudan neònach anns a Ghàidhealtachd a’ tachairt agus mar sin bha mi airson coimhead air an sin. Bha mi a’ smaointinn air na fhacal ‘wilderness’ agus ‘supernatural horror’. Bha mi airson seo fhighe còmhladh ann an dòigh inntinneach.”

Thug cùrsa UHI Taigh Chearsabhagh, ann an Uibhist an cothrom do Fiona an Ceum seo a dheanamh gus an t-eòlas seo fhaighinn. Tha i ag innse:

“Chan eil fhiosam a bheil àite na b’ fhèarr na Uibhist airson an seòrsa ealain a tha mise a dèanamh, thoradh ’s toil leam cho fosgailte sa tha an ‘landscape’ agus ’s toil leam cho faisg ’s a tha àiteachan a tha dìreach ionntach cuideachd.”

Anns an dealachadh, tha Fiona a toirt comhairle do dhuine sam bith a tha a’ smaointinn air cùrsa ealain:

“Mu tha ùidh agad, feuch e! ‘S e cùraichean sgoinneil a th’aig Taigh Chearsabhagh.”

Chì sibh an obair aig Fiona air Instagram