Joe MacNèill
“Thug mi breab do bhall turas no dhà!”
Tha sinne, aig Uist Beò, toilichte bruidhinn ri Joe MacNèill às an Ìochdar. Manaidsear ùr Na Saints – na h-Ìochdar Saints.
“Bha mi fhathast anns an sgoil nuair a thòisich mi air trèanadh còmhla ris Na Saints agus aig sia bliadhn’ deug bha mi a’ cluiche leotha anns na farpaisean. An dèidh dhomh falbh a Ghlaschu, bhithinn fhathast a’ cluiche leotha nuair a bhithinn a-staigh fad an t-samhraidh.”
Cha robh Joe ach beag nuair a thòisich e air ball a bhreabadh, agus tha am ball a tha sin air a bhith na phàirt mhòr de bheatha bhon latha sin. Tha esan mar a tha iomadach Uibhisteach eile, air a bhith a’ cluiche ball-coise bhon a bha e na ghille beag.
“Bhiodh sinn a’ cluiche tòrr ball-coise aig àm pleatha agus an dèidh na sgoile. Bha sgoiltean Uibhist a’ farpais agus aig an àm sin, bha sinn a’ cluiche aig deagh ìre.”
Bha Stephen MacAmhlaigh na mhanaidsear air Na Saints fad còig bliadhn’ deug agus ’s e esan a ghabh àite a bhràthair, Dòmhnall Mac Àmhlaigh. An diugh tha Joe air an cothrom a’ ghabhail a bhith os cionn nan gillean.
“Tha sinne toilichte fiathachadh a thoirt do dhuine sam bith a tha airson a bhith nam pàirt den sgioba.”
“Tha e a’ còrdadh rium a bhith air ais an sàs anns an sgioba. Bha Northend agus Ìochdar Saints a dol aig aon àm. ’S e buidheann nas òige a bh’ ann an Ìochdar Saints agus bha North End gu math ainmeil aig an àm sin, le cuid de mhuinntir an Ìochdair anns an sgioba. Bha Heros gu leòr anns an squad sin.”
Mar a tha a h-uile deagh bhalach (agus sgioba) tha cridheachean nan gillean air a bhith air an togail agus air am bristeadh iomadh turas. Tha Joe ag innse gun robh gnothaichean caran cugalach nuair a thòisich esan air cluiche leis Na Saints an toiseach.
“Bha sinn math bliadhna is sgràthail bliadhna eile. Bhiodh sinn fhathast sgràthail ach an uairsin beagan nas fhèarr an ath bhliadhna. Bhiodh sinn math a-rithist agus anns an ath mhionaid bha sinn dona, ach cha robh sinn cho sgràthail ’s a bha sinn an toiseach. Bha sinn a’ cumail a’ dol mar sin gus an do glèidh sinn a’ chiad chupa againn ann an 2009. An uairsin bhuannaich sinn League Uibhist is Bharraigh ann an 2010. Chùm sinn romhainn airson còig bliadhna ann an streath. Bha sgioba làidir againn agus bha sin a’ còrdadh rium.”
Tha àite Joe anns an sgioba air atharrachadh thairis air na bliadhnaichean. A-nis tha e a’gabhail an cùram anns an dleasdanas ùr seo dhan sgioba, dhan na balaich agus do mhuintir an àite.
“Feumaidh tu oidhirp a dhèanamh rudan a chuir air bhonn nuair a tha thu nad mhanaidsear. Fhad ’s a tha cothroman ann do dhaoine, tha e math dhan spòrs agus math dhan na feadhainn òga.
Dhòmhsa cò-dhiu, nuair a thill mise a dh’ Uibhist, bha mise toilichte gu leòr cuideachadh. Bhithinn a’ dèanamh beagan den choachadh agus a’ cur nan geamannan air dòigh. Tha sin a’ còrdadh rium.”
Ach, chan eil a h-uile sian cho furasda airson spòrs Uibhist an dràsda.
“Tha sinn gann de dhaoine, tha na h-àireamhan a’ fas nas lugha agus tha an gnothach a’ fàs nas duilghe. Chan eil na h-uiread de chluicheadairean ann an diugh.
Nuair a bha North End a’ dol anns na 80’an, bha 12 sgioba anns an league agus tha mi cinnteach gun robh aon fhichead cluicheadair anns gach sgioba cuideachd. An diugh, tha sia sgiobaidhean a’ cluiche an aghaidh a chèile. Tha sinn gann de dhaoine a nist agus chan eil na h-uimhir de gheammaichean air an cluiche.”
Ged a dh’fhaodas gnothaichean a bhith doirbh do chluicheadairean Uibhist, canaidh Joe gu bheil an spòrs seo gu math fallain anns na h-eileanan.
“’S e league farpaiseach a th’ann an League Uibhist is Bharraigh. Nuair a thòisich mise an toiseach bha Na Saints aig bonn na league agus tha sinn air a bhith aig bàrr an league turas no dha. Tha na sgiobaidhean daonnan a’ gluasad tron league agus tha sin ga chumail inntinneach. Tha e a rèir ’s mar a tha gnothaichean air an latha.”
Ged a tha ball coise riamh air a bhith na phàirt de bheatha nan Uibhisteach cha robh na h-uimhir de dhaoine a’ cluiche an spòrs Albannach a chithear air a’ Ghaidhealtachd.
“Tha camanachd Uibhist ann, bhithinn fhìn a’ cluiche iomain aig an fhèis agus tha deagh chluicheadairean ann an Uibhist a Tuath. Cha d’ fhuair mi riamh grèim air caman dhomh fhìn ach ’s e rud math a bhitheadh ann an sgioba iomain ann an Uibhist. Ach feumaidh daoine uairean a chur a-staigh dhan ghnothach airson na clubaichean a chumail a’ dol, agus tha daoine trang le iomadh rud eile.”
Tha Joe – agus League Uibhist is Bharraigh – airson an spòrs a chumail a’ dol le fàilte do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an càirdeas, cleanneas, ball-coise agus sgioba Na Saints!
“Ma tha duine òg sam bith airson a bhith an sàs anns an sgioba tha sinn toilichte an cuideachadh gus an toirt air adhart agus dèanamh cìnnteach gu bheil lioft aca chun nan geamaichean. Tha sinne toilichte fiathachadh a thoirt do dhuine sam bith a tha airson a bhith nam pàirt den sgioba.”
Back to business, mar a chanas iad! A faighneachd do Joe mun ath-bhliadhna, tha fhios aige dè tha dùil aig muinntir an Ìochdair ris:
“Chòrdadh e rium a bhith air mullach an league an ath-bhliadhna agus tha sinn daonnan ag amas air na cupannan. Fhad ’s a tha mi fhathast nam mhanaidsear bidh mi a’ strì air tiotal a bhuannachadh airson Ìochdar Saints”
With thanks to Seonaidh MacInnes for permission to use his photographs.