Stories

Joe MacNìll

Tha Joe MacNìll air a bhith ag obair còmhla ri buidhnean agus daoine aig a bheil ùidh anns a’ Ghàidhlig airson plana cànan a chruthachadh a tha freagarrach airson muinntir Uibhist air fad. Plan a bheir taic, cothroman agus misneachd do dhaoine Gàidhlig a chleachdadh ann am farsaingeachd de  shuidheachaidhean.

Tha mi an dèidh ’s coinneachadh ri Joe ’s e ’g innse gun e plana a th’ ann a sheallas dè na h-amasan a th’ aig muinntir an àite airson an cànan a ghlèidheadh agus a chumail làidir. 

‘Tha e follaiseach anns an latha an diugh gu bheil sgìrean ann an Uibhist far a bheil a’ Ghàidhlig làidir, agus leis a’ phlana seo, tha sinn airson seo aithneachadh agus cuideachadh a thoirt do sgìrean eile far a gabhadh barrachd dèanamh dhan chànan.’

Ag obair còmhla ri buidhnean anns a’ choimhearsnachd, tha Joe air a bhith a’ coinneachadh ri mòran dhaoine eadar Èirisgeigh is Beàrnaraigh airson ’s gum faicear dè na h-eisimpleirean a th’ ann far a bheil a’ Ghàidhlig làidir agus cuideachd far a bheil taic a dhìth.

‘Tha cudromach gu bheil sinn a’ dèiligeadh leis na dùbhlain a tha romhainn.

 

Tha planaichean Gàidhlig, gu ruige seo, air an ullachadh le ùghdarrasan poblach ann an Alba, airson taic a thoirt do dh’fhoghlam agus do luchd-obrach a Ghàidhlig a chleachdadh airson seirbheisean a lìbhrigeadh nan obair làitheil.

Tha Joe ag innse gu bheil trioblaidean ann. Tha a’ chuid mhòr dhen na planaichean a th’ againn an-dràsta air an stiùireadh leis an riaghaltas agus le buidhnean oifigeil a tha gu math fada air falbh bhuainn, far a bheil feumalachdan eadar-dhealaichte ann cuideachd. Air tìr-mòr tha sgoiltean ùra gan togail is gam fosgladh, ach an seo tha iad a’ dùnadh. Tha seo a’ sealltainn gu bheil sgaradh ann eadar na tha a Ghàidhlig a’ faighinn de thaic eadar bailtean-mòra na h-Alba agus na h-eileanan.

‘Ma dh’fhaoidte gum bu chòir rudeigin a bhith ann a fhreagras air na feumalachdan againn fhìn. Tha gearain ann gu bheil feadhainn dhen na planaichean a th’ ann gu math corporra agus nach eil iad a’ freagairt air àitichean mar seo is coimhearsnachdan dhe ’r leithid.

Le plana sgìreil, tha cumhachd aig coimhearsnachd Uibhist coimhead air ciamar a bu chòir dhan Ghàidhlig a bhith air a leasachadh. Tha cudromach gu bheil a’ choimhearsnachd aig cridhe na planaichean airson ’s gum bi a’ Ghàidhlig air fhaicinn agus air a chluinntinn air feadh Uibhist.

An-diugh, tha trioblaidean maoineachaidh ann agus tha àireamhan an t-sluagh a’ crìonadh. Tha dùbhlain ann a-thaobh cothroman cosnaidh is taigheadas, ach aig an aon àm, tha tòrr de chothroman ann dhuinn cuideachd.

 

Leis cho làidir ’s a tha cuid de sgìrean Uibhist sa Ghàidhlig, tha sinn airson seo a ghlèidheadh.

 

‘Le Plàna Gàidhlig Uibhist, tha mi a’ smaointinn gu bheil cothrom air leth againn an-dràsta.

Tha an riaghaltas ag aithneachadh gur e àite sònraichte a tha seo. Àite ris an can iad ‘area of linguistic significance.’ Tha an cothrom againn seasamh suas agus ar beachdann fhèin a chuir air pàipear. Tha sinn airson muinntir Uibhist a thoirt còmhla agus an uairsin, ’s dòcha gun toireadh seo an teansa do sgìrean eile an aon rud a dhèanamh dhaib’ fhèin.

Tha sinn cuideachd airson ’s gun toir na buidhnean-poblach sùil air na planaichean a tha iad fhèin air fhoillseachadh. Feumaidh iad feart a thoirt air na planaichean aca. Nam biodh na puingean aig na planaichean sin air a bhith air an coilleanadh le planaichean ionadail, bhiodh sin math airson sgìre mar a tha Uibhist.

Tha a’ Ghàidhlig air a bhith a lùib cuid de dh’ àitichean-obrach riamh, agus mar sin chan eil oidhirp a dhìth ann an cuid dè sgìrean agus ’s e deagh rud a tha sin. Tha Joe ag innse gu bheil tòrr de dhaoine a’ faicinn gu bheil feum anns an obair seo agus gu bheil againn ri bhith ag obair còmhla. ’S ann dhan choimhearsnachd a tha seo, agus tha gnothaichean air tighinn air adhart. Tha Joe ag aithneachadh gu bheil daoine a dèanamh an t-uabhas an seo, agus gu math tric ’s ann gu saor-thoileach a tha iad ag obair.  

Bha a còrdadh rium riamh a bhith a’ fuireach an seo agus a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig ri sean is òg a h-uile latha. Tha mi airson ’s gum bi an dearbh chothrom aig òigridh an latha an-diugh.

Feumaidh sinn a’ Ghàidhlig a neartachadh feuch am bi i air a cluinntinn air feadh an àite, agus gum bi i air a bruidhinn gu nàdarra son iomadach bliadhna eile.’ 

Ma tha sibh airson a’ chiad dreach den phlana seo fhaicinn, faodaidh sibh seo a dhèanamh, no faodaidh sibh tachairt ri Joe aig Cnoc Soilleir. Gheibh sibh greim air air am fòn no air post-d aig: Joe@ceolas.co.uk no air 01878790605.