John Joe MacNeill
Mun àm seo an t-seachdain ’s a chaidh, bha Ceòlas ann an ‘full swing’ agus bha ceann a Deas Uibhist beò le ceòl is cabadaich, a’ comharrachadh cultar na Gàidhlig agus an dàimh a th’ ann eadar Uibhistagus Eilean Cheap Bhreatainn.
Tha John Joe, Ceannard ùr Cheòlais, a’ cabadaich rinne an-diugh muna bha a’ dol anns a’ chiad bhliadhna aigesan aig an stiùir. Bha seachdain dìreach air leth againn.
Seachdain làn Ghàidhlig, ceòl, òrain, dannsa, sgeulachdan agus fealla-dhà. Tha a’ Ghàidhlig agus a cultar ann an deagh àite an seo ann an Uibhist. Bha mi iomagaineach mus do thòisich an t-seachdain, ach mar a tha thu agaithneachadh, tha mi uabhasach toilichte agus moiteil ris mar achaidh dhuinn.
Airson an treas uair, tha John Joe MacNèill à Barraigh air tilleadh a dh’Uibhist a dh’fhuireach agus tha esan a’ cur seachad ùine anns an togalach ùr a tha shuas aig Deas, Cnoc Soilleir.
Tha an obair mar a thuigeadh tu – tòrr na luib le bhith a’ ruith na buidhne. Tha mi an-dràsta gu dlùth ag obair air plàna ùrgnìomhachais airson na h-ath-cheum aig Ceòlas còmhla ri luchd-obrach air leth.
Tha e cudromach gun dèan mi cinnteach gu bheil airgead gu leòr againn airson tachartasan is clasaichean a chur air adhart. Tha dàimhean gu math dlùth eadar Ceòlas agus buidhnean-maoinichidh. Bidh mi cuideachd ag obair còmhla ri buill a’ bhùird-stiùiridh. Tha bòrd agus sgioba làidir againn agus tha sinn cuideachd a’ faighinn a h-uile cuideachaidh bhon choimhearsnachd.
Thòisich mi anns an t-Samhain agus tha mi cho toilichte a bhith airais ann an Uibhist. Tha mi gu math eòlach air a bhith a’ fuireach anseo agus tha seallaidhean dìreach brèagha ann far a bheil mi a’ fuireach ann an Loch Aoineart.
Bhithinn tric a’ tighinn a dh’Uibhist nam òige. Tha teaghlach agaman seo agus nuair a bha mise òg, ’s e rud gu math mòr a bh’ ann tighinn a-nall dhan na bùithean. Cha do thuig mi cho mòr ’s a bha e tighinn a dh’Uibhist – mar a bha e againne cha robh ann ach an Co-op agus sràid Bhagh a’ Chaisteal, ach an seo bha beagan diversification a’ dol!
Ged a tha seachdain mhòr ann aig toiseach an t-sàmhraidh, tha an sgioba air an cumail trang fad na bliadhna le Fèis Chullaig, an Symposium, clasaichean Gàidhlig air-loidhne agus ann an Uibhist, cèilidhean agus a h-uile sìon eile a nochdas.
Aig cridhe na tha sinn a’ dèanamh ann an seo ’s e a’ Ghàidhlig agus ceòl, cultar agus dualchas na Gàidhlig. Sin an adhbhar gu bheil e a’ còrdadh rium cho mòr a bhith an seo.
Bha againn ri feuchainn ri ath-bheòthachadh a dhèanamh a’ tighinn a-mach à Covid. Tha tòrr a’ dol againn. Am-bliadhna airson a’ chiad uair bha na cuirmean againn a’ dol a-mach beò air-loidhne gach oidhche aig an Sgoil Shamhraidh. Bha daoine ag èisteachd ann an Canada, na Stàitean, An Tuirc, Èirinn agus air feadh an t-saoghail.
Tha sinn ag obair ann am com-pàirteachas ri Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean gach seachdain agus a’ cur air dòigh ‘Cèilidh ’s a’ Chidsin’ ann an Cnoc Soilleir. Bidh iad an seo, sean is òg – abair rud cho cudromach airson a bhith cruinn còmhla.
Ged a duilgheadas ron a’ Ghàidhlig ann an Alba, tha John Joe a’ toirt seachad a bheachd gum faod sinn uile a bhith moiteil ris an obair a tha air a dhèanamh dhan chànan.
Tha sinn a’ dèanamh adhartais agus ged a tha obair romhainn, feumaidh sinn a bhith mothachail air an obair chruaidh a tha air a choileanadh gu ruige seo. Aig deireadh an latha, thug iad bliadhnaichean An Ròimh a thogail!
Tha crìonadh air tachairt leis a’ chànan, ach tha sinn a’ dèanamh ar dìcheall airson stad a chur air a’ chrìonadh seo. Tha sinn fortanach gu bheil Cnoc Soilleir againn – tha a’ Ghàidhlig beò anns an togalach.
Ma tha sinn airson cumail a’ dol a ràdh gur e cridhe na Gàidhlig a th’ann an Uibhist, feumaidh sinn dèanamh cìnnteach gu bheil sin fìor agus gu bheil tachartasan a’ dol far a bheil i air a bruidhinn gu nàdarra.
Tha fàilte bhlàth air a h-uile duine dhan togalach aig Cnoc Soileir agus cuideachd gu tachartasan Cheòlais.
Tha John Joe cuideachd ag innse gu bheil e cudromach a bhith ag obair leis na buidhnean eile, gu h-ionadail agus anns a’ chòrr dhen dùthaich airson ar cànan is ar cultar a chumail beò is fallain.
Chan urrainn aon bhuidheann an obair seo a dhèanamh, feumaidh sinn com-pàirteachas a dhèanamh agus a bhith ag obair le buidhnean eile.
Ann an Uibhist, tha sinn airson buidhnean a thoirt còmhla agus plàna Gàidhlig a dhèanamh cruinn còmhla ri chèile. Feumaidh tuigse a bhith againn air dè a tha càch a’ dèanamh, agus ciamar a tha sinn ag obair ri chèile. Feumaidh sinn cuideachd sùil a thoirt air ciamar a tha sinn a’ cur ri luach na Gàidhlig a thaobh an eaconamaidh.
A bharrachd air a bhith ag obair leis na daoine againn fhìn, tha Ceòlas riamh air a bhith a’ coimhead thairis air a’ Chuan Siar agus a’ cur fàilte air na càirdean againn ann an Canada agus air feadh an t-saoghail gu Ceòlas.
Tha Gàidheal làidir againn ann an Alba Nuadh, agus tha e math gu bheil an ceangal seo againn agus tha sinn airson seo a neartachadh.
’S e daoine gu math èibhinn a tha anns na Gàidheil agus tha tàlant againn anns na h-eileanan seo. Tha sinn airson suidheachadh a chruthachadh aig Cnoc Soilleir agus le Ceòlas far a bheil sinn a’ cluinntinn bhriathrachas is seanchas agus a’ sealtainn an spòrs a th’ againn mar dhaoine.
Tha muinntir Cheòlais a’ gabhail beagan fois air an t-seachdain seo, ach chan fhada gum bidh an obair a’ tòiseachadh a-rithist aca. Anns an dealachadh, tha John Joe ag ràdh:
Feumaidh mi taing mhòr a thoirt seachad dhan luchd-obrach, a h-uile duine a chuidich agus a ghabh pàirt ann an dòigh sam bith, agus ar buidhnean-maoineachaidh. Tha a leithid ann a chuir ris an tachartais seo agus tha mi taingeil dhaibh uile. Tha mi mar-thà a’ coimhead air adhart ri Ceòlas 2024.
Cumaibh sùil air na meadhanan sòisealta agus cuideachd air www.ceolas.co.uk
Tha Ceòlas a’ faighinn taic bho Alba Chruthachail, Bòrd na Gàidhlig Comhairle nan Eilean Siar, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean agus Riaghaltas na h-Alba.