Stories

Kate Macdonald

Nuair a choimheadas sinn mun cuairt air Uibhist, gu math tric chithear seallaidhean brèagha le plocan purpaidh sgaipte air feadh na monaidhean. Tha fraoch gu math pailt againn an seo agus tha an North Uist Distillery, a’ cur feum air, airson dram a tha a’ còrdadh ri mòran dhaoine. Dè eile, ach Downpour Gin.

’S e Johnny Ingledew agus Ceit Dhòmhnallach, a rugadh agus a thogadh ann an Uibhist a Tuath, a tha os cionn an North Uist Distillery agus tha iad a’ coimhead ris an Eilean airson ‘blas’ Uibhist a chur ann am botul. Mar a chanas iad fhèin, ISLAND LIFE. DISTILLED. 

“Bha sinn a’ fuireach ann an Obar Dheathain agus bha fhios againn a-riamh gun robh sinn airson tilleadh a dh’fhuireach agus a dh’obair ann an Uibhist. Bha sinn airson companaidh a bhith againn dhuinn fhèin a bha inntinneach agus a chòrdadh rinn. Smaoinich sinn gum fosgl’inn taigh-staile air an eilean agus mar sin thug sinn sùil mun cuairt air tir-mòr air feadhainn eile a bha a’ dèanamh deoch làidir” dh’innis Ceit.

Fhad ’s a bha Johnny is Ceit a’ fuireach air tir-mòr agus ag ionnsachadh mar a dhèanadh iad uisge-beatha agus sineabhar, thug iad fa-near gun robh a h-uile sian a dh’fheumadh iad air an starsach ann an Uibhist. “Bha daoine a’ bruidhinn air a bhith a’ dèanamh uisge-beatha le mòine, is eòrna is uisge. Tha a h-uile sian dhe sin an seo, ach chan eil uisge-beatha againn ann an Uibhist, fhathast.” Chaidh Johnny air ais dhan oilthigh a dhèanamh ceum air staileadh agus thòisich na plànaichean aca air tighinn ri chèile bhon uairsin. Thill Johnny is Ceit dhachaigh a dh’Uibhist ann an 2017 agus goirid an dèidh sinn, thàinig smuain an North Uist Distillery beò.

Personalised timber bar with gin bottles on top

An dràsda, gheibhear blas Uibhist ann an ceitheir sineabhair sònraichte a chuireas ann an sùnnd duine sam bith a tha measail air ‘refreshment’! Tha Downpour Gin air a dhèanamh le fraoch, no feamain, agus cuideachd le dearcan is no le Grapefruit agus faodaidh daoine an stamp fhèin a chuir air na botuill a tha air an creic.

“Tha sinn a ruith sgeama far am faod daoine fraoch no feamainn a bhuain agus a thoirt thugainn. Gheibh iad a chiad botul a thig a dhèanamh bhon na bheir iad dhuinn. Bidh sinn an uairsin a toirt ainm an àite às an tàinig am fraoch no an feamainn sin air gach baidse. Aig aon àm, nì sinn suas ri 1700 botull ann am baidse agus an dràsda ’s ann à Griminis a thàinig am fraoch a chleachd sinn. Tha fraoch à iomadh àite air a bhith againn gu ruige seo eadar Loch Baghasdail agus Loch nam Madadh agus tha e na thlachd dhuinn gu bheil muinntir an àite gar cuideachadh leis an seo. Tha an fheamainn a tha sin a’ cleachdach an dràsda à Hosta” Tha an aon rud a tachairt leis na dearcan a thathar a cleachdadh anns an Sloe agus am Bramble Gin. “Tha sinn dìreach air ar botuill a lìonadh le dearcan à Langais, agus mar sin ’s e Langass a th’air a bhaidse seo. Tha e a’ còrdadh rinn sealltainn gu bheil sinn a’ cleachdadh measan às an àite fhèin nuair a tha daoine a’ ceannach bhuainn.”

Tha taobh an iar Tìr an Eòrna, aig amannan den bhliadhna, a’ dannsa le sguaban arbhar agus tha an North Uist Distillery an dòchas feum a dheanamh às anns an uisge-bheatha a tha iad am beachd a dhèanamh. “Tha dùil againn eòrna a bhuineas dhan àite a chleachdadh agus tha sinn am beachd tòiseachadh air anns an ath bhliadhna. Tha sinn an dòchas airgead a thogail airson stail an uisge-bheatha aig deireadh na bliadhna agus bidh crowdfunder againn air loidhne.” 

Tha Ceit is Johnny air an gnìomhachas aca a ghluasad a Bhaile nan Cailleach ann am Beinn na Faoghla agus gabhaidh na botail blasda aca ceannach an sin cuideachd. “Tha sinn air a bhith a’ deisealachadh agus ag obair anns an togalach ùr agus tha dùil againn gum bidh sinn a dèanamh Uisge-beatha ro dheireadh na bliadhna. ’S e togalach àlainn a tha seo le eachdraidh phrìseil agus tha sinne toilichte a bhith ga ath-bheòthachadh aig an àm seo. Tha a’ choimhearsnachd air a bhith cho cuideachail agus cha b’ urrainn dhuinn a bhith ann an àite na b’fheàrr. Tha e math taic fhaighinn bho mhuinntir an àite agus tha sinne toilichte rud a thoirt air ais dha na daoine bho thaobh gnìomhachas, obraichean agus cuideachd dram beag!”


An diugh, faodaidh sibh tadhail air muinntir Downpour gin ann an Beinn a Faoghla agus botul na dha a cheanach ann an Nunton Steadings. Airson cumail suas ris an North Uist Distillery faodaidh sibh cuairt-litir fhaighinn bhuapa agus sùil a thoirt air an làrach-lìn aca an seo.