NUAAC
An-diugh tha sinn a’ bruidhinn air a bhith a’ ruith ’s a’ leum còmhla ri fear de choidseachan Sgioba Athletics Uibhist a Tuath, Coinneach Dòmhnallach. (Spaid – mar a bhios cuid agaibh eòlach air.)
Tha esan, agus muinntir a’ chomataidh, air an cumail trang a’ trèanadh tron bhliadhna le cha mhòr 100 neach spòrs a’ tighinn ri chèile eadar Tuath, Deas agus Barraigh. Tha na clasaichean a’ tòiseachadh aig aois cròileagan agus tha feadhainn ann a tha còrr is 70 bliadhna a dh’aois.

Bhon a thòisich an Club Cleasachd seo bho chionn 35 bliadhna, tha iad air fàs mar bhuidheann.
‘ ’S e Curly à Loch nam Madadh agus Màiri Levack a thòisich an club. An toiseach, bha e mar chlub Cross Country agus dh’ fhàs e na b’ fharsainge le ‘Track and Field’. Thàinig mise na mheasg bho chionn deich bliadhna, nuair a ghabh an nighean agam ùidh ann an spòra. Tha mi air a bhith ann bhon uairsin, agus tha mi a-nis nam choids.’
Thairis air na bliadhnaichean, tha gu leòr air falbh ’s air tighinn bhon chlub, le buinn is duaisean a’ lìonadh nan dreasairean air feadh nan eilean. Tha cuid den fheadhainn òga a tha air a bhith an sàs air obraichean fhaighinn ann an spòrs and bidh tòrr aca a’ ruith fhathast agus a’ gabhail pàirt ann an athletics.
Am bliadhna, bidh sianar den na cleasaichean bhon chlub a’ falbh chun na International Island Games a bhios a’ tachairt ann an Arcaibh. Air feadh na bliadhna, tha aig na cleasaichean seo ri falbh gu cha mhòr 15 farpais air feadh na dùthcha, mar ‘Nationals’ agus ’s ann às na farpaisean seo a nithear a-mach cò bhios a’ riochdachadh na h-Eileanan an Iar.

‘Tha an fheadhainn òga seo air dèanamh uabhasach math. Tha iad ag obair cho cruaidh agus tha iad cho dìcheallach. Tha obair mhòr anns an trèanadh. Feumaidh iad a bhith aig ìre gu math àrd mus faigh iad gu Geams nan Eilean agus feumaidh iad a bhith a’ buannachadh airson ’s gu bheil iad aig ‘National Ranking’.
‘Ma bhios iad a’ ruigeal ìre àrd gu leòr, mar an 10mh às fhèarr anns an dùthaich, ’s dòcha an uair sin gum faigh iad gu sgioba nan Eilean Siar.
‘Bidh 30 eilean eile a’ farpais cuideachd ann an Arcaibh agus tha iad a’ tighinn às gach oisean den t-saoghal eadar Na Falklands, Bermuda, Rhodes, Mallorca agus iomadh àite eile.’
Tha obair mhòr ann a bhith a’ ruith buidheann coimhearsnachd sam bith agus tha Coinneach ag innse gu bheil comataidh làidir aca air cùlaibh gnothaich ann an Uibhist a Tuath. Tha còrr is fichead air a’ chomataidh agus tha faisg air deichnear aca ann nan coidseachan. Feumaidh iadsan cuideachd trèanadh airson a bhith nan coidseachan.
‘Tha an t-uabhas commitment ann airson a bhith a’ faighinn na qualifications agus tha cosgais na lùib cuideachd. ’S e operation gu math mòr a th’againn leis a h-uile duine.’

A bharrachd air a seo, tha na feadhainn òga cuideachd air an cumail trang.
‘Tha a’ chuid mhòr aca anns an sgoil fhathast agus tha iad gu math òg. Ach tha iad cho math air a bhith a’ cumail ri na planaichean trèanaidh a bhios sinne a’ cur ri chèile dhaibh.
‘Tha iad a’ trèanadh còig latha san t-seachdain co-dhiù. Bidh iad a’ dèanamh trì no ceithir latha ann an rud a tha ‘sport specific’ agus an uair sin dà latha ann an gym. Tha iad uabhasach dìcheallach. Tha e àraid na tha iad a’ dèanamh de dh’obair agus an uairsin cuideachd obair sgoile agus a leithid.
‘Tha na feadhainn a h-againn anns an sgioba an-dràsda a’ faighinn a’ chiad, an dàrna no an treas àite san dùthaich. Mar sin, ’s e fìor dheagh sgioba a th’againn.
Tha an club-spòrs a’ faighinn taic bhon choimhearsnachd air fad. Thairis air na bliadhnaichean tha iad air airgead fhaighinn bho MacInnes Brothers, MacAulay Askernish agus bho muinntir an àite fhèin. Tha seo a’ toirt dhaibh an cothrom cumail romhpa agus a bhith a’ siubhal gu tìr-mòr.
‘Tha daoine agus na companaidhean ionadail air a bhith uabhasach math dhuinn bho thaobh taic agus airgead. Bidh sinn cuideachd a’ faighinn beagan airgead bhon Sports Council. Tha tòrr obair pàipear ann airson a bhith a’ faighinn airgead bhon Sports Council ach tha sinn fortanach gu bheil feadhainn ann air a’ chomataidh a bhios a’ dèanamh sin.

‘Chan e an seòrsa obair a th’ ann a bhios a’ còrdadh ruimsa.’
Mar phàirt den Chlub, tha Coinneach ag innse mun obair a tha a’ còrdadh ris:
‘Bidh mise ag obair còmhla ri sprint groups agus an fheadhainn as sine. Tha math a bhith a’ faicinn misneachd a’ fàs agus a’ chlann a’ tighinn air adhart. Tha mi-fhèin agus na coaches a’ faighinn tòrr às.
‘Tha tòrr obair ann a bhith a’ dèanamh planaichean trèanaidh agus a’ dèanamh cìnnteach gun cùm iad ris. Ach tha iad air dèanamh math, agus tha e na thlachd dhuinn a bhith gan cuideachadh.’
Anns an dealachadh, tha Coinneach ag ràdh ri duine sam bith: ‘Ma tha sibh airson taic a thoirt dhuinn mar coach, no le obair phàipear no le cuideachadh sam bith airson rudan a chuir air dòigh, tha fàilte bhlàth romhaibh.’
Cumaibh sùil air Club Athletics Uibhist a Tuath air-loidhne an seo:
Tha mi cìnnteach gum bidh naidheachd no dhà a’ tighinn à Arcaibh ann an ùine gun a bhith fada.
