Pàdruig Moireasdan
Tha Pàdruig Moireasdan à Griomasaigh trang le ceòl agus iomadh obair eile a tha ga chumail ann an stoidhle. Tha cuideachd a cuir seachad ùine ag obair air croitearachd. Tha e a cumail beathaichean agus caoirich, tunnagan is cearcan agus coin is cait. Tha obair mhòr ann an croit, agus se obair a th’ ann a tha a còrdadh ris.
‘Tha 45 cearc agam, 80 de chaoirich agus beathaichan. ’S e caoraich a bh’ aig m’ athair nuair a bha mise a fàs suas. Bha mi airson an stoc aigesan a chumail a’ dol agus tha mi air caoirich fhaighinn dhomh fhèin cuideachd.’
Anns an stoc tha measgachadh de chaoirich aige. Bidh e a’ cumail caoirich dhubha, na dubh-cheannaich agus chiviots. A’ faighneachd mu eachdraidh nan caoirich dhubha, dh’innse Pàdruig gun robh:
‘aig aon àm, diofar dhathan annta eadar donn, glas agus dubh. Bha iad air feadh Iar-Thuath an Atlantaig, eadar sinn fhèin ann a sheo, suas na h-eileanan agus cho fad’ ri Innis-Tìle.’
Bha dùil gun robh na caoirich ionadail seo air bàsachadh a-mach, ach uaireigin anns an fhicheadamh linn fhuairear lorg air cuid a bha fhathast mun cuairt. ’S e muinntir Shasainn, feadhainn le oidhreachdan mòra, a shabhail iad agus an anns na h-ochdadan, thill iad dhan eilean. Às a dhèidh sin, thòisich athair Phàdruig air an cumail, agus tha iad Pàdruig fhèin chun an latha an diugh.
‘Tha iad beagan nas fhasa an cumail bhon nach fheum iad an aon urrad de bhiathadh anns a gheamhradh.
Gabhaidh iad ri talamh nas cruaidhe. ’S toil leamsa gu bheil iad a buintinn dhan àite, tha eachdraidh aca dhan àite agus tha iad, ann an dòigh, freagrach dhan seòrsa talamh a th’ agamsa.
Chan eil a chroit agamsa cho gorm agus chan eil sinn air a mhachaire. Tha am pìos agamsa gu math creagach agus làn fraoich. Tha na Hebrideans nas iomchaidh dhòmhsa.
Tha iad a toirt nas fhaide air fàs agus tha seo a toirt blas nas fhèarr air an fheòil aca cuideachd.
Aig toiseach an fhicheadamh linn, chaidh innse dhan a h-uile duine air a Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan, a dhol chun na dubh-cheannaich agus an uairsin chun an chiviot. Aig na margaichean, chan eil iad a gabhail ris na caoirich dhubha. Airson ‘s nach eil iad cho reamhar, chan eil prìs orra. Mar sin, bidh Pàdruig a cuir na caoirich eile a Loch Baghasdail no a Loch na Madadh airson an reic.
‘Leis na caoirich dhubha, bidh mi ga marbhadh aig bliadhna gu leth agus a reic bogsaichean feòil an uairsin.’
Fad trì bliadhna, tha Pàdruig air a bhidh a’ dèanamh suas bogsaichean feòil agus tha daoine air gabhail riuthe gu math. Thòisich e nuair a chuir e a-mach sanas air Facebook, agus dh’fhalbh iad gu math luatha. Thuairt e gum b’ urrainn dha air a bhith air trì uidhear dhe bha bh’ aige a reic. Bhon uairsin, tha e air tòiseachadh air feòil mhart a bhith aige air na sgeilpichean cuideachd.
‘Tha daoine ag iarraidh feòil ionadail.
Tha e riatanach gu bheil e comasach do dhaoine biadh fhaighinn faisg air gu brith càite a bheil iad a’ fuireach agus na bitheadh tu a Sealtainn, am Barraigh no an Geàrrloch, tha thu airson ’s gu bheil biadh air fhaighinn cho faisg ’s as urrainn.
Chan urrainn dhuinn a bhith a crochadh air am biadh againn tighinn bho cheudan de mhìltean. Mar sin, tha cothrom againn. Faodaidh sinn sin fhèin a bhiathadh agus bith-bheò a bharrachd a dhèanamh.
Mar sin tha croitearachd a cumail daoine a bhith a’ fas agus a’ criochnachadh bheathaichean an seo anns na h-eileannan.
An diugh ’s dòcha gu bheil am barrachd stoc aig am beagan de chroitearan, ach tha fhathast feum air an talamh obrachadh, gus an cùm a feur air fàs. Dh’ atharraich sgeamaichean pàigheadh rudan do dhaoine agus chìthear an t-uabhas de luachair air feadh an àite.
‘Tha e nas fhèarr do thalamh sam bith beathaichean agus caoirich a bhith ann còmhladh. Seo an treas bliadhna agamsa le beathaichean agus tha mi a’ faicinn am feum a tha e a’ dèanamh dhan talamh agus dhan fheur. Tha mi cuideachd a gluasad na cearcan air feadh na pàircean agus chì thu an diofar a tha seo a dèanamh. Bidh iad a togail boiteagan agus a’ fàgail innear agus bidh mise a’ fàgail na h-uighean aca aig ceann an rathad. Tha iad sin a’ falbh anns a mhionaid.
Tha tòrr uidh aig feadhainn eile mar a tha an Oxford Real Farming Conference ann an croitearachd, leis gu bheil e cho math dhan àrainneachd, tha a cumail le chuid de sheann chleachdaidhean agus a fàs anns an t-saoghal a th’ againn an diugh. Tha Pàdruig a cuir ris an seo agus a’ smaointinn gum:
Bhitheadh e ceàrr gun a bhith ag ràdh nach eile croitearachd math dhan choimhearsnachd agus a bhith a toirt dhaoine còmhla. Bidh daoine ag obair ri cèile aig shows, aig fèilleachan, no aig an fhang agus tha na làithean sin a toirt bailtean còmhla. ’S e rud a tha sinn a tha cudromach agus prìseil.
Mun na trioblaidean a tha sinn a faicinn an diugh, tha Pàdruig ag ràdh: Chan eil e math nach fhaigh daoine aona chroit. Bu choir do dhaoine nach eile a chuir feum air na croitean sub-let a thoirt seachad.
Chòrdadh e ruim na h-eileanan fhaicinn gun talamh sam bith a bha bàn agus gun robh feadhainn òga a’ faighinn an cothrom tighinn a-staigh air a ghnothach. Rinn mise an cùrsa croitearachd ann an Sgoil Lìonacleit agus bha e uabhasach math dhòmhsa. Dh’ionnsaich mi an t-uabhas bhuaidhe agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil ùidh aig feadhainn òga ann an obair chroitearachd.
Air an ath mhìos bhidh an Oxford Rean Farming Conference a tighinn a dh’Alba agus ’s e deagh chothrom a bhithead ann tachairt air feadhainn eile agus faighinn a-mach dè tha an còrr den dùthaich a dèanamh air an talamh aca.
Chì sibh fiosrachadh an seo: https://orfc.org.uk/orfc-in-the-field-at-comrie-croft/