Stories

Pàdruig Moireasdan

Ann an Uibhist, tha sinn gu math eòlach air a bhith a’ cluinntinn agus a’ dannsa ri Pàdruig Moireasdain nuair a tha e a’ cluich a’ bhogsa. Tha easan an diugh ag obrachadh cruit ann an Griomasaigh. Nuair nach eil e aig na caoraich no air tractar, tha e a cosg ùine a’ sgrìobhadh ceòl no air àrd-ùrlar.

Nuair a bha e na ghille beag, thòisich Pàdruig air a’ bhogsa agus air a’ phiana le ceòl Gàidhlig agus cuideachd le ceòl clasaigeach. Aig sia-bliadhn’ deug, dh’ fhàg e an t-eilean airson a dhol gu Sgoil Chiùil Naomh Mhàiri ann an Dùn-Èideann mus deach e a dhan Oilthigh anns an aon bhaile.

‘Nuair a chaidh mi dhan sgoil chiùil a bha sin, bha e a’ faireachdainn gun do leum mi gu saoghal eile. Bha a leithid de dh’eòlas agus de chomas aig na sgoilearan eile ann. Nuair a tha thu air do bhogadh agus air do chuartachadh le daoine eile a tha fada air thoiseach ort, tha e a’ toirt ort fhèin ceumannan mòra a ghabhail. Tha math dhut agus bha e math dhomhsa.

Dh’ ionnsaich Pàdruig an t-uabhas bho thaobh theory, eachdraidh agus ceòl anns an sgoil seo. Na ùine anns an àrd-sgoil bha an clàr ama air a dhèanamh suas far an robh ùine sònraichte air a’ cuir seachad airson a bhith a’ practise.

‘Bha a h-uile duine a bh’ ann a’ cleachdadh a h-uile mionaid a bhaca den latha a’ practise. Bha ceithir fichead sgoilear ann agus bha a h-uile sgoileir a’ faighinn diofar clàir-ama agus far a bheil beàrn feadh an latha, bhiodh iad a’ sgrìobhadh a-staigh practise dhut.

Anns an sgoil dh’ ionnsaich mi a bhith a’ dèanamh uairean is uairean de phractise, ach anns an Oilthigh dh’ ionnsaich mi air mar a chuirinn na h-uairean gu feum. ’S e deagh fhoghlam a bha sin dhomh

Tha e comasach dhut practise a dhèanamh gun a bhith a’ leughadh note, ma tha thu ga dhèanamh nad cheann agus tha sin a cheart cho luachmhor ’s a bhith ga chluich air an ionnsramaid.

Fhuair Pàdruig a’ chiad ionnsachadh air cèol ann an Uibhist aig ochd bliadhna a dh’aois. Bha e a’ dèanamh an dà rud; ceòl clasaigeach, a’ leughadh na bha sgrìobhte air a bheulaibh agus ceòl traidiseanta, ag ionnsachadh bho chluais.

 

‘Channain gu robh e na dheagh rud a bhith a’ dèanamh an dà rud còmhla. Leis na sgilean a bha mi ag ionnsachadh, bho thaobh leughadh is sight reading is tuigse air theory agus air chords.

Airson a lethid de bhliadhnaichean, tha a bhith ag ionnsachadh bhon chluas air a bhith air a chuir sìos an comas le a bhith ag ionnsachadh bhon cheòl bhon phàipear ach tha mise a nis a’ smaoineachadh gu bheil cus a bharrachad ann a bhith ag ionnsachadh bhon chluas agus tha e cho cudromach gu bheil an dà chuid aig neach-ciùil.

Chan eil adhbhar sam bhith ann do dhaoine a bhith a’ smaoineachadh nach eil luach ann a bhith ag ionnsachadh leis a’ chluas, chanainn gu bheil e nas luachmhor a bhith ag ionnsachadh mar sin na bhith dìreach a’ leughadh ceòl bhon phàipear.’

An dèidh do Phàdruig an sgoil fhàgail, ghabh e an rathad gu Oilthigh Dhùn Èideann agus an uairsin ghabh e an cothrom a dhol du dùthaich eile airson cumail roimhe. Dh’fhalbh e na b’ aide gu Deas a dh’Èirinn far an do rinn e maighstireachd. An seo roghainnich e a dhol gu Oilthigh Maynooth far an do rinn e ceum eile ann a bhith a’ sgriobhadh ceòl.

Bha seo na thlachd do Phàdruig bhon a a fhuair e bogadh ann a bhoth a’ sgrìobhadh ceòl anns an dà stoidhle. Bhan Ryan Molloy gu math tuigseach air an amas a bh’ aig Pàdruig. 

‘Fhuair mi lorg air neach-teasaisg air leth. Sin a tharruing mi gu Maynooth. Duine air a bheil Ryan Molloy. Bha easan air tighinn bho shuidheachadh coltach ruim fhìn far an robh e air tighinn bho cheòl traidiseanta agus rinn e dotaireachd ann an ‘composition’ a’ coimhead air mar a bha ceòl traidiseanta agus ceòl clasaigeach air fhighe còmhla ann an Èirinn agus bha mi-fhìn airson ’s gum biodh co-ionannachd ann eadar an dà ghnè chiùil a bha mise a’ sgrìobhadh.

Ann an Èirinn, fhuair Pàdruig an cothrom rannsachadh a dhèanamh agus ùine a chuir seachad air a bhith a’ sgrìobhadh ceòl ùr, le dòighean ùra a lorg air an dà stoidhle a thoirt ri chèile ann an dòigh a bha co-ionnan. 

Bho chionn ghoirid, tha Pàdruig air a bhith a’ sgrìobhadh airson iomadach buidheann. Sgrìobh e pìos ciùil airson an buidheann ‘Thirteen North’.

‘Tha am pìos seo a’ togail cheistean air an dòigh ’s a tha sinn a’ coimhead air pìosan de dh’Alba. Àiteachan far a bheil daoine a’ tighinn air holiday airson escapism, ach far an robh daoine a’ fuireach aig aon àm. Rinn mi pìos ciùil a bha a’ samhlachadh a’ chòmhstrì eadar na daoine a bha anns na h-àiteachan seo agus a chaidh fhuadach a-mach bhuapa. 

Chì sibh criomag dhen phìos a sgrìobh Pàdruig air a bheil ‘These Highland Glens once Danced’ anns an bhideo gu h-ìosal:

These Glens Once Danced le 13 North