Ruairidh Gray
Tha mòran superstars anns an t-saoghal à Uibhist agus an diugh, tha sinn a’ bruidhinn ri fear aca. Fear òg, à Uibhist a Deas, a bhios sinn gu mach tric a’ faicinn air telebhisean agus cuideachd air àrd-ùrlar, cò eile ach Ruairidh Gray!
Tha an t-uabhas air a bhith a dol aig Ruairidh anns an dà bhliadhna mu dheireadh agus tha air a bhith air a chumail trang a’ sèinn agus a’ cluiche ceòl air feadh Alba agus anns an oilthigh ann an Glaschu.
‘Thòisich mi air cluich le Aonghas Ailig an t-Sruthain air a’ bhogsa-ciùil. Bhithinn a’ dol chun an dannsa ann an St Peter’s agus bha am fear a bha seo aig an doras agus bocsaichean agus maicreafón aige.
Mar sin an t-seachdain as a dhèidh sin, thug mi-fhèin leam meileòidean. Cha robh agam ach aon phort, well, a chiad agus an dàrna pàirt de Fr. John MacMillan of Barra. Thìll mi air an ath sheachdain agus chuir mi am bocsa fo ’n ‘t-seat’ agam – bha mi cho shy an uair ud – agus choimhead mi suas air an stèidse agus chunnaic mi Aonghas Mac Gill-Eathain, nach maireann.
Thug e dhomh nod airson tighinn suas còmhla riutha. Bha e fhèin, Dòmhnall Angus Mac Gill-Eathain, Aonghas MacDhòmhnaill, Calum MacAmhlaigh agus Iain MacPhàil air an stèidse. “A bheil thu a’ cluich?” arsa Aonghas. Dh’innse mi dha nach robh agam ach an aon phort “Dè diofar!” ars’ easan, “feuch ort.”
Bhon uairsin tha mi air a bhith a’ cluich leotha. Tha sinn air a bhith anns a h-uile talla a th’ ann an Uibhist agus grùnn thursan anns a’ Ghearasdan.
Bhon chiad oidhche sin, tha Ruairidh air falbh gu tir-mòr far an d’fhuair e fòghlam ciùil anns an Conservatoire Rìoghail na h-Alba. Tha e fhèin agus ‘rising stars’ ciùil eile a’ faighinn teagasg bho dhaoine a tha ainmeil ann an ceòl traidiseanta na h-Alba. Am measg luchd-teagasg an RCS tha Iseabail T Dhòmhnallach.
Tha Iseabail air a bhith ag obair leam airson seachd bliadhna a nis bhon a thòisich mi-fhèin anns an junior academy. Boireannach sònraichte. Bidh mi daonnan cho toilichte a bhith ag obair còmhla ri Iseabail T.
Tha i air a bhith ag obair air òrain agus ceòl airson 50 bliadhna is còrr, is nuair a chanas ise rudeigin, bidh mi ag èisteachd rithe. Tha i cho eòlach air na h-òrain agus air a Ghàidhlig agus air a bhàrdachd. Thig aice air obrachadh ri iomadh stoidhle agus tha a h-uile sgath cho ‘fluid’ is cho nàdarra dhith – agus tha i ionnsaichte ann an ceòl, agus tha sin a dèanamh diofar.
Faodaidh i a bhith ann an suidheachadh sam bith agus tha i comhfhurtail agus tha sinn ag obair glè mhath còmhla.
Cha bhithinn-sa far a bheil mi an diugh às a h-aonais.
Ann an 2022, bha bliadhna gu math trang aig Ruairaidh, eadar a bhith aig an oilthigh, a bhith a farpais aig a Mhòd agus cuideachd a bhith aig duaisean Na Trads.
Thuirt mise ri Iseabail gu robh mi a’ dol a’ dhol a-staigh airson a bhonn òir, agus thuirt ise gun robh a cheart cho math dhomh am bonn òir agus an t-seann nòs a dhèanamh còmhla!
Well, arsa mise, feuchaidh sinn air a sin.
Mar a tha fhios agaibh, tha mi cìnnteach, chaidh dhaibh glè mhath aig na farpaisean agus ghlèidh Ruaraidh na dhà! Tha tòrr obair ann a dh’fheumas a bhith air a dhèanamh, ’s dòcha nach fhaic daoine bho thaobh a bhith ag ionnsachadh faclan, stoidhle is ceòl agus feumaidh cuideachd seinneadairean an aire a thoirt air an guth.
Ann an dòigh tha e caran aonranach a bhith a deisealachadh airson rud mòr mar a tha am Mòd. Bha mi tric a-staigh leam fhèin agus a coimhead as dèidh mo ghuth, ach feumaidh tu sin a dhèanamh mu tha thu airson a chiad àite a bhuannachadh.
A bharrachd air an seo, ghlèidh Ruairidh duais Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig MG ALBA Na Trads, oidhche mòr a thachair ann an Caird Hall ann an Dùn Dè.
Cha robh dùil agam ris an duais air an oidhche sin. Bha gu leòr eile ann còmhla rium a bha airidh air. Chòrd an oidhche rium glan fhèin.
Mar a dh’ainmich sin, tha Ruairidh an diugh a’ fuireach ann an Glaschu, baile mhòr nan Gàidheal far an robh fear eile de superstars Uibhist aig aon àm. Cò eile ach, ach an seinneadair, an cleasaiche, an sgrìobhaiche, am pìobaire an extraordinaire, Tormod Mac Gill-Eathain. Mar a thuirt Ruaraidh: ‘Tha Glaschu glè mhath, tha e làn Gàidheil co dhiù.’
‘Bha mi gu math eòlach air Tormod nuair a bha e beò. Duine cho ionnsaichte agus cho gasta. ‘’S e genius a bh’ ann agus bha e a thoirt àite dhan na ‘teuchters’ gàire a dhèanamh agus a bhith moiteil asta fhèin. Aig deireadh an latha, tha sinn mar dhaoine le chèile agus tha cultair prìseil againn agus bu chòir moit a bhith oirnn mu dheidhinn sin, agus bha easan a’ faicinn sin.’
Na ghille òg, bhitheadh Ruaraidh tric aig Ceòlas agus aig Fèisean Uibhist is Bharraigh agus bidh e an diugh a teagasg aca. Bho chionn ghoirid, aig Ceòlas bha a’ seinn ann an togalach ùr Cnoc Soilleir.
‘Tha e math gu bheil seo againn shuas aig Deas agus bidh e glè mhath nuair a bhios e deiseil. Tha feum againn air àite mar sin. Bha mi daonnan aig Ceòlas agus ag èisteachd ris na seinneadairean a bh’ ann agus a faicinn daoine a’ tighinn as gach oisean dhen t-saoghal. ’S e seachdain sgoinneil a th’ ann.
Bho thaobh na Fèisean, tha cho math dhan chloinn a bhith ag èisteachd agus ag ionnsachadh ceòl agus a Ghàidhlig. ’S e rud cudromach a th’ ann dhan na daoine beaga bìodach.
Anns an dealachadh, tha Ruairidh a toirt facal air na daoine a bha mun cuairt air ann an Uibhist nuair a bha e a tòiseachadh air seinn agus air ceòl.
‘Nuair a tha thu a’ faighinn deagh, ionnsachadh, no chomhairle no brosnachadh bho dhaoine, cha dhìochuimhnich thu e agus tha mise air sin fhaighinn bho Iseabail T agus bho na Sounds of Kilphedar.
’S e daoine dòigheil, gasta a tha air a bhith còmhla rium ann an Sounds of Kilphedar, a h-uile duine aca. Bidh cuimhn’ agam gu bràth air na rinn iad dhomh aig àm a bha doirbh nam bheatha fhèin. Daoine mhatha.
Tha iad cho fileanta anns a cheòl aca, agus tha stoidhle sònraichte aca. Tha mi air an cothrom fhaighinn a bhith ag obair le còmhlain mòra agus daoine ainmeil ach b’ fhèarr leam a bhith a suidhe ann an Loch Baghasdail leis na Sounds of Kilphedar.
Cumaibh sùil air BBC Alba, far am faic sibh Ruairidh na phreasantair air Tuath Cheòl. Chì sibh cuideachd air BBC iPlayer e an seo.
Chì sibh cuideachd e a sèinn air YouTube tron cheangal seo: youtube.com/@RuairidhGray