Stories

Seonaidh Mac an t-Saoir

Nuair a smaoineachas duine air Uibhist a Deas, gu math tric thig an ìnntinn gu pìobaireachd. Tha ceòl na pìoba air a bhidh air a chluinntinn tro bhailtean Uibhist fad lìnntinn agus tha cridhe an t-saoghal sin air Machaire Aisgernais. 

An-diugh, tha sinn a’ bruidhinn ri fear a tha air ainm a’ dheanamh dha fhèin air machaire Aisginish agus cuideachd ann an saoghal a chiùil, cò eile ach Seonaidh Mac an t-Saoir à Loch a Charnain. Tha Seonaidh an-diugh a’ deanamh a bheò-shlainnt le ceòl – ionnsachadh a fhuair e bho thogail ann an Uibhist.

Dealbh le Rae McKenzie

“Bha fhios agam gur e pìobaire a bha nam sheanair, Seonaidh Ruadh agus bha a h-uile duine anns an teaghlach gu math measail air pìobaireachd.”

“Mar sin bhuail mi orm leis a phìob. Gu fortanach bha mo theaghlach gam phudadh agus bha na corragan agam a’ gabhail ris. Thòisich mi air an fheadain nuair a bha mi seachd bliadhn’ a dh’aois.”

Tha feum air Fèis Tìr a Mhurain! Sin far an d’ fhuair Seonaidh a chiad leasan feadain agus air a thilleadh dhan sgoil, fhuair e ionnsachadh le fear de ghaisgich Bheinn a Fhaoghla.

“’S e Calum Chalum-Iain a bha a’ gabhail na feadhainn òga anns na sgoiltean. ’S e Seonaidh Ruadh, mo sheanair, a dh ’ionnsaich pìobaireachd dhasan agus bha Calum math dhomh. Bhithinn an uairsin a dol gu Donnchadh MacGillFhialainn à Eileaidh Fhlòdaigh agus an uairsin gu Dòmhnall Bàn.”

Na òige thug na daoine a bha mun cuairt air Seonaidh dha an cothrom agus an t-ionnsachadh, ach an uairsin dh’ fhosgail a shùilean gu mòr nuair a chaidh e gu Ceòlas aon bhliadhna. Ann an clas John MacLean à Ceap Breatainn, bha aire Sheonaidh air a ghlacadh ris a chiad note de phuirt nan Canadianaich.

A’ chiad shamhradh a bha mi aig Ceòlas, ‘s e saoghal eile a bh’ ann, bha mi dìreach ‘hooked’ air Ceòl Cheap Bhreatainn! Mur a b’ e Ceòlas, Iain Dòmhnallach agus Colaisde Bheinn a’ Fhaoghla chan eil fhios ’am càite, no dè bhithinn ris, an diugh, le cìnnt!

’S e fìor experts a th’ ann a muinntir Uibhist bho thaobh pìobaireachd agus bidh Seonaidh ag ràdh gum bidh e cha mhòr air chridh aig oidhche na pìobaireachd gach bliadhna aig Ceòlas.

Gu brith càite an cluichd thu anns an t-saoghal, ’s e talla naomh St Peadair an t-àite is duighllie.

Tha daoine ann, ann an Uibhist air nach robh riamh air feadan a thogail, ach tha iad eòlach air an ceòl. Thigeadh cuideigin far an robh an thu anns a Cho-op agus chanadh iad: ‘oh, chòrd am pìos seo rium ach dh’fhag thu seo às, no ‘oh, bha siud spot on, ach feuch air am pìos seo.’ Chanadh mo sheanabhair nach robh fhios aice’ise air sian bho thaobh pìobaireachd, ach bha i eòlach air na puirt agus bha fhios aice air dè bha math, is dè nach robh cho math.

Bhiodh m’ uncle Seon Ailig daonnan gam bhrosnachadh gu bhith a’ cluich. Nad phìobaire òg, gu math tric bidh thu a cluich ann an farpaisean no ann an còmhlan pìoba ach bha easan ag iarraidh orm a bhith a cluichd ceòl le ionnsramaidean eile airson dhannsairean.

Gach bliadhna, tha pìobairean a’ tighinn bho gach àite gu geams Uibhist a Deas. Àite a tha ainmeal airson pìobaireachd agus airson farpais. Tha an t-arm air buaidh mhòr a thoirt air an stoidhle ciùil seo agus aig aon àm bha aig pìobaire ri bhith gu math ‘ceart’ airson duais fhaighinn. An diugh, chithear beachdan na b’ fhosgailte aig na farpaisean an taca ris mar a bha gnothaichean aig aon àm.

Tha mi ag aithneachadh an obair a tha na pìobairean às fheàrr a’ dèanamh airson na farpaisean a ghlèidheadh.

Aig farpais, tha thu a cluich ann an aon dòigh a tha a còrdadh ris an duine a tha air cùl an deasc air an aon latha sin. Chan eil mi a’ smaointinn gu bheil e fallain gu bheil beachd chuideigin a toirt buaidh air cultair agus air stòidhle ciùil. Bidh mi a teagasg cuid de fheadhainn òga airson stoidhle farpaiseach, tha mi ga thuigsinn, agus tha mi toilichte a bhith ga èisdeachd, ach chan e sin mo chiad thaghadh airson pìobaireachd.”

“Tha sinn fortanach, an Alba agus ann an Uibhist gu bheil iomadh stoidhle de cheòl Gàidhealach agus dè phìobaireachd air a chluich. Tha àite ann dhan h-uile duine agus tha mi a cuir diù anns gach seòrsa ceòl.”

“Nuair a dh’fhag mi an sgoil, nam cheann bha mi a dol gu farpaisean air feadh Alba agus a dol a dh’ ionnsachadh na puirt a bhathar ag iarraidh air an son sin. Ach dh’ fhag mi Ceòlas an samhradh sin le beachd ùr air mar a dh’ èisdinn is mar a chluichinn ceòl. Bidh mi fhathast aig àmmanan a gabhail pàirt anns na farpaisean agus tha iad math airson na corragan a chumail fiot, bidh mi aig a Flora an ath bhliadhna!”

“Nam bheachdsa nuair a tha na puirt nas fhaisge air na h-òrain agus air an dannsa bha e a’ faireachdainn beagan na bu nadarra.”

Tha Seonaidh ag innse gu bheil ceòl Cheap Bhreatainn an diugh nas fhaisge air a cheòl a bh’air a chluich ann an Uibhist mus tàinig an arm is na farpaisean gu saoghal a chiùil ann an Alba. 

“Tha iad fhathast gu math Gàidhealach agus tha an stoidhle agam fhìn air fàs bho a bhith ag èisdeachd ri ceòl nan Canadianach, ach, a coimhead air ais, sin mar a bha iad a cluichd an seo co-dhiu. Thug am bocsa buaidh nas làidir oirne an seo ann an Uibhist. Ged a tha iad coltach ri chèile, ’s e sin an diofar tha th’ann eadar Ceap Breatainn agus Uibhist.”

“Nuair a dh’èisdeas tu ris na pìobairean a bh’aig an àrd-ìre, aig an robh clàraidhean bho chionn 100 bliadhna, tha iad tòrr nas fhaisge air mar a tha sinne a dèanamh an diugh bho thaobh ceòl.”

Bho chionn bhliadhnaichean, cha robh an comas aig daoine air ionnsrumaidean a cheannach agus ’s ann às an arm a bha na pìoban a’ tighinn. Leis na h-ionnstrumaidean sin, fhuair na saighdearan ionnsachadh, far a robh na stoidhleachean pearsanta aca air an an toirt bhuaipe airson stoidhle an airm.

“Chan eil stoidhleachean ionadail cho pailt an diugh. Aig aon àm dh’àithneachadh tu an pìobaire, no cò às a thàinig iad bhon chluichd aca, ach le farpais, còmhlainn pìobaireachd agus buaidh an arm chan eil sin cho cumanta a nist.”

Tha an ùine a ruith orm fhèin agus air Seonaidh, dithis a tha glè mhath air cabadaich, gu h-àraid air pìobaireachd, ach tha easan a smaointinn air na bliadhnaichean a tha a ruith air fhèin.

Aig aon mhionaid tha thu seachd bliadhn’ a dh’aois agus ag ionnsachadh an scale, agus anns an ath mhionaid tha thu 31. Chanadh tu gu bheil thu fhathasd ag ionnsachadh, ach tha am barrachd ualach ort rudan a chuir air adhart agus feadhainn òga a bhrosnachadh. ’S e rud anasach a th’ann.

Chòrdadh e rium beagan a bharrachd a thoirt air ais dhan choimhearsnachd agus dhan àite às an tàinig mi. Nuair a chaidh mo thogail’sa an seo, bha muintir an àite math dhomh, agus marsin, tha mi airson ’s gu bheil an aon chothrom fhathast aig an òigridh ceòl Gàidhealach agus Gàidhlig a chluinntinn.

Dealbh le Rae McKenzie

Tha mise air a bhith uabhasach fortanach le m’ thogail ann an Uibhist. Tha na daoine a tha air a bhith mun cuairt air buaidh mhòr a thoirt ormsa agus thug iad dhomh an cothrom mo bheò-slainnt a deanamh ann an saoghal a dh’ fhaodas aig àmannan a bhith gu math doirbh, ach le buanachdan mòra. 

Tha Seonaidh an diugh a cluich le Trail West agus tha e cuideachd air Bòrd stiùiridh Cheòlas. Latha air choireigin, tha sinn an dòchas clàr fhaighinn bhuaithe cuideachd.

Seo agaibh linc de Sheonaidh a’ sèinn na pìobadh ann an Ceap Breatainn le Mac Morin. Buail suas i, a’ Sheonaidh!

https://youtu.be/mhUlrapyu3A