Bùth Èirisgeidh
’S iomadh deagh rud a tha ri cheannach ann am Bùth Eirisgeidh. Is tric a thig duine innte airson lof no bainne agus a thilleas aiste le làn càr de ghnothaichean! Dh’fhosgail a’ bhùth còrr is dà fhichead bliadhna air ais agus chaidh a cur air bonn le coimhearsnachd Èirisgeidh. A bharrachd air a bhith glè mhath airson d’airgead a chosg innte, ‘s e deagh àite cèilidh a th’ann am Bùth Eirisgeidh cuideachd, far a bheil thu cinnteach tachairt ri daoine agus naidheachd ùr fhaighinn.
“Bha a’ bhùth an toiseach aig oisean anns na Haun. Chan eil sgeul air an t-seann bhùth an diugh, tha i air a leigeil,” dh’innis Catrìona, manaidsear na bùtha dhuinn “’S e Eoin an t-ainm a bh’air an duine aig an robh i. Ach, nuair a thàinig esan gu aois retireadh thàinig na daoine còmhla airson a’ bhùth a chumail fosgailte agus ’s e co-chomunn a th’innte an diugh.”
“Tha an ùine air a dhol seachad gun fhiosda orm, chan eil fhios agam cà deach na bliadhnaichean ach tha air còrdadh rium.”
“Mar a thòisich i an toiseach bha sgeama a’ dol a bha a’ toirt seachad airgid dhen aon suim ’s a thogadh muinntir an àite.” Thàinig na daoine còmhla gus searaichean a cheannaich a b’fhiach £50 a fear. Mar seo, chruinnich na daoine £7500 agus thug an HIDB, no mar as aithne dhuinn an diugh iad, HIE dhaibh an còrr dhen airgead. “Thog iad an t-airgead agus thog iad a bhùth.”
Tha Catriona Nic an Fhùcadair air a bhith os cionn bùth Èirisgeidh fad ceitheir bliadhn’ deug. “Tha an ùine air a dhol seachad gun fhiosda orm, chan eil fhios agam cà deach na bliadhnaichean ach tha air còrdadh rium. Thàinig obair na bùtha suas, chuir mi air a shon agus gu fortanach, fhuair mi e.”
Leis a phandemic, ’s e àm gu math doirbh a bh’ann airson gnìomhachas sam bith. Bha na h-Eileanan, mar a bha an còrr dhen t-saoghal, glaiste sìos air sàilleibh Covid-19. “Bha a’ bhliadhna sin eadar-dhealaichte airson a h-uile duine, tha mi cinnteach. Fad an t-sàmhraidh, cha robh sinn a’ faicinn duine agus bha a’ bhùth gu math slaodach, cha robh sian a’ tachairt agus chan fhaodadh tighinn thugainn ach na daoine a bhuinneadh dhan àite.”
“Fad an t-sàmhraidh is àbhaist dhuinn a bhith a’ faicinn tòrr diofar dhaoine bho iomadach dùthaich agus tha sin math. Bidh i trang is bidh thu a’ ruith mun cuairt. Is toil leam a bhith a’ ruith mun cuairt, cha toil leam a bhith leasg is socair idir.”
Ach ged a tha gnothaichean air a bhith doirbh aig daoine tha Catriona agus Bùth Eirisgeidh air a’ cumail romhpa gus an dìcheal a’ dhèanaml. “Tha tòrr dhen stuth againn a bhuineas dhan àite agus a chaidh a dhèanamh anns na h-eileanan agus tha sin a còrdadh ri daoine. Bidh daoine a’ faighneachd airson diofar rudan agus bidh sinn a’ feuchainn ri measgachadh de rudan fhaighinn a-staigh. Tha sinn a reic tì is cofaidh airson a thoirt leat a-mach.
Tha deagh chofaidh againn, feumaidh mi aideachadh, ’s dòcha a’ chofaidh as fhèarr a th’ann an Uibhist!”
’S fhiach seasamh innte an ath turras a tha sibh shuas aig Deas. Chì sibh na tha a dol aig Bùth Eirisgeidh air loidhne an seo.